Dragh mu sheirbheisean cùraim is slàinte an Ullapul
- Air fhoillseachadh

Nochd dragh mu na tha an dàn do seirbheisean cùraim is slàinte ann an Ullapul às dèidh mar a chaidh innse gun tèid dachaigh-cùraim sa bhaile a dhùnadh.
Dh'innis a' chompanaidh Parklands Care Homes an t-seachdain seo gum feum iad ionad Mo Dhachaidh sa bhaile a dhùnadh is iad ag ràdh gur e cosgaisean àrda as coireach.
Thuirt iad gur e seo an co-dhùnadh cho duilich 's a rinn iad is nach robh cùisean a-riamh cho dùbhlanach ann an roinn a' chùraim.
A bharrachd air an dachaigh-cùraim, tha Ionad Slàinte Ullapuil cuideachd stèidhichte san togalach.
Thuirt cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Loch Bhraoin, Topher Dawson, gu bheil dragh air daoine mun t-suidheachadh.
Cunnart
"'S e naidheachd mhòr a bha seo is tha sinn fhathast a' feuchainn ri ciall a dhèanamh dheth", thuirt Mgr Dawson.
"Tha cunnart an seo gum bi aig cuid ri gluasad gu dachaighean-cùraim fada bho an cuid teaghlaichean is charaidean.
"Tha mi cinnteach gun tèid rudeigin a chur air dòigh a thaobh an ionaid shlàinte ach tha e a' togail cheistean mu na seirbheisean sin cuideachd.
"Tha e tràth fhathast ach gu follaiseach feumaidh iad coimhead ri sin", thuirt e.
Dhearbh Parklands gun dùin Mo Dhachaidh air an 23mh den Ghiblean.
Dh'innis iad gu bheil iad ag obair le NHS na Gàidhealtachd gus àitichean-còmhnaidh eile fhaighinn airson an 14 duine a tha a' fuireach aig Mo Dhachaidh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 Am Faoilleach 2023
