Obair gus tòiseachadh air aiseagan ùra
- Air fhoillseachadh
Dhearbh CMAL gun deach ainm a chur ri barantas banca 'son dà aiseag ùr airson nan Eilean Siar is gum faod obair tòiseachadh orra.
Bidh tè de na h-aiseagan a' seòladh eadar Ùig is Loch nam Madadh is an tè eile bho Ùig gu ruige an Tairbeart.
Chaidh an cùmhnant airson nam bàtaichean a thogail a thoirt do Ghàrradh Cemre san Tuirc.
Bidh iad stèidhichte air aiseagan ùra Ìle, a tha gan togail sa ghàrradh an-dràsta.
Leis a' bharantas bhanca a-nise ann, tòisichidh obair air aiseagan ùra nan Eilean Siar cuideachd.
Fàilte
Tha dùil gum bi iad deiseil ann an 2025.
Thuirt stiùiriche aiseagan CMAL, Seumas MacAnndrais, gu bheil iad air am misneachadh gu mòr leis an obair air aiseagan Ìle, is e ag ràdh gu bheil Cemre an-dràsta air thoiseach air a' chlàr-ama a chaidh aontachadh.
Dh'innis Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, gun dèan e feum mòr gum bi aiseagan fa leth aig na Hearadh is Uibhist a Tuath, is gum bi leasachadh mòr air ìre na seirbheis airson choimhearsnachdan nan Eilean Siar.
Chuir cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, fàilte air an naidheachd cuideachd.
Thuirt an Comh. Robasdan gur e ceum mòr air adhart a th' ann, is gu bheilear a' coimhead air adhart ri àm "nuair nach eil seirbheisean aiseig a' cur maill air an eaconomaidh".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An t-Samhain 2022