Cidhe Ùige ga ath-fhosgladh
- Air fhoillseachadh

Tha obair-càraidh air a bhith ga dèanamh air cidhe Ùige, a tha le Comhairle na Gàidhealtachd
Bu chòir gun tòisich seirbheisean aiseig eadar an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath agus na Hearadh às ùr Dimàirt.
Tha na h-aiseagan àbhaisteach air a bhith dheth fad deich seachdainean agus cidhe Ùige ga chàradh.
Chaidh tròimh-chèile adhbharrachadh an t-seachdain a chaidh - nuair a chaidh na seòlaidhean a chur dheth aig a' mhionaid mu dheireadh ri linn trioblaidean às ùr le cidhe Ùige.
Cha robh rùm ann airson carbadan nas fhaide na 10 meatar no le trèilearan nan cois an t-alt-aiseig a chleachdadh airson faighinn air bòrd agus far shoithichean aig a' chidhe.
'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha an cidhe, agus 's iadsan a th' air a bhith an ceann na h-obrach-càraidh.
Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn Diluain gun d' fhuair iad dearbhadh bhon Chomhairle gun deach obair èiginneach a dhèanamh feadh na deireadh-sheachdain, agus gun gabhadh an cidhe a-niste cleachdadh mar is còir bho Dhimàirt.
Tha seirbheisean Uibhist a Tuath air a bhith gan cur taobh Ullapuil san eadar-ama, le seirbheisean dhan Tairbeart dheth 's luchd-siubhail gan cur taobh Steòrnabhaigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 Am Màrt 2023
- Air fhoillseachadh23 Am Màrt 2023