Sabhal Mòr Ostaig a' comharrachadh 50 bliadhna

Àrainn Chaluim Chille, Sabhal Mòr OstaigTùs an deilbh, Sabhal Mòr Ostaig
  • Air fhoillseachadh

Tha 50 bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh.

Bho chaidh a stèidheachadh ann an 1973 tha a' cholaiste, ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, air moran oileanaich a thoirt gu fileantas sa Ghàidhlig, a thuilleadh air teisteanasan ceuma agus iar-cheuma a thoirt do dhaoine tro mheadhan a' chànain.

Tha àite cudromach aige cuideachd ann an coimhearsnachd Shlèite, agus e a' tabhainn chothroman cosnaidh san sgìre.

Air a' bhliadhna an-uiridh bha an àireamh a b' àirde riamh de dh'oileanaich ag ionnsachadh leis a' cholaiste, le 1,600 a' gabhail pàirt ann an cùrsaichean gach cuid air làrach na colaiste fhèin agus air-loidhne, eadar cùrsaichean pàirt-ùine, làn-ùine agus cùrsaichean goirid.

Tha thuige seo còrr air 4,000 oileanach air Gàidhlig ionnsachadh tron chùrsa air-loidhne aca - an Cùrsa Inntrigidh.

Tha cuideachd cha mhòr 1,400 duine air ceumnachadh bho thòisich na cùrsaichean làn-ùine.

Bidh an t-àite a' tàladh oileanach à co-dhiù 25 dùthchannan a bharrachd air Alba fhèin.

Mar phàirt de thachartasan na seachdain seo foillsichidh Sabhal Mòr Ostaig ro-innleachd ùr a tha a' togail air amasan a' cheathramh Phlana Gàidhlig Nàiseanta, a th' airson àrdachadh mòr a thoirt air an àireimh dhaoine a tha a' bruidhinn, ag ionnsachadh agus a' cur luach anns a' Ghàidhlig.

Àrainn Ostaig mar a bhaTùs an deilbh, Sabhal Mòr Ostaig
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a' cholaiste a stèidheachadh an toiseach ann an seann sabhal ann an 1973

“Le bhith a’ comharrachadh 50mh ceann-bliadhna Shabhal Mòr Ostaig, chì sinn pailteas fianais air an obair a tha sinn air a dhèanamh agus air an dealas a th’ againn airson cànan is cultar na Gàidhlig," thuirt an Cathraiche, Aonghas S. MacLeòid.

"Tha sinn air ar dòighean-obrach atharrachadh gus freagairt air mar a tha feumalachdan ar coimhearsnachdan is oileanaich air atharrachadh agus chì sibh adhartas gu leòr mar thoradh air sin.

"Ràinig sinn a’ chlach-mhìle seo ri linn dealas is dìcheall an luchd-obrach is nan oileanach agus air sàilleibh na taice leantainnich a tha na coimhearsnachdan Gàidhlig air a thoirt dhuinn.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ris an ath 50 bliadhna agus sinn air ceann na h-iomairt gus tuilleadh chothroman ionnsachaidh, rannsachaidh is cultarach a thairgsinn do dhaoine: nuair a bhios sinn ag obair còmhla ri ar luchd-compàirt gus na h-amasan farsaing a th’ aig Alba airson na Gàidhlig a choileanadh gus am mair i mar chànan beò aig a bheil cultar brìoghmhor.”

Tuilleadh air an sgeulachd seo