Feumaidh riaghaltasan a bhith "dàna" a thaobh buidseat craoladh na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Leis An t-Eilean gus tòiseachadh air BBC Alba oidhche Mhàirt, tha cathraiche MG ALBA ag ràdh gu bheil an t-seanail feumach air barrachd àirgid is gum bu chòir dha na riaghaltasan ann an Dùn Èideann is Lunnainn a bhith "dàna".
'S e An t-Eilean, a tha stèidhichte ann an Leòdhas is na Hearadh, an dràma as cosgaile a rinn BBC Alba a-riamh le buidseat de chòrr is £4m.
Tha Iain Moireasdan gu math misneachail mun t-sreath is e ag ràdh gu bheil an saoghal san fharsaingeachd a-nise glè fhosgailte a thaobh a bhith a' coimhead air prògraman telebhisein le fo-thiotalan.
Thog e air sreath Squid Game air Netflix a tha ann an cànan Chorea agus air a bheil na milleanan mòra a' coimhead.
Ged a tha Mgr Moireasdan ag ràdh nach eilear an dùil gum bi An t-Eilean buileach a' tarraing àireamhan mar sin, thuirt e gu bheil companaidhean anns an Roinn Eòrpa, Astràilia is na Stàitean Aonaichte mar-thà airson a cheannach is a chraoladh.
Thuirt e airson margaidhean mòra a ruighinn gu bheil feum air airgead a chosg.
"Tha £1m againn gach bliadhna 'son a chosg air dràma is thàinig sinn gu co-dhùnadh gun robh an t-àm ann rudeigin diofraichte a dhèanamh leis an £1m a tha sin.
"Mar sin, chuir sinn £1m a-staigh agus thug sinn a-staigh £3m bho dhaoine eile a tha an lùib a' phrògraim: Black Camel, All3Media - a bhios ga reic ris an t-saoghal, Sgrìn Alba tro Alba Chruthachail, is gheibh sinn air ais airgead cìse cuideachd tro sgeama a th' aig an riaghaltas.
"Tha e a' toirt tòrr ùine seo a dhèanamh ach ma tha thu ag iarraidh aire an t-saoghail ann an saoghal far a bheil sinn uile a' coimhead air Netflix, Amazon Prime, Disney Plus, feumaidh sgeulachd inntinneach a bhith agad, feumaidh e a bhith a' coimhead math is feumaidh e a bhith daor."
Tha Mgr Moireasdan mar-thà air a bhith os cionn iomairt gus maoineachadh craoladh na Gàidhlig àrdachadh is inbhe is dìon a bhith ann mar a th' aig a' Chuimris.
Chaidh Bile nam Meadhanan tro Westminster air a' cheann thall an-uiridh às aonais an atharrachaidh a bha MG ALBA a' sireadh a bhiodh air inbhe chraoladh na Gàidhlig a neartachadh.
A' bruidhinn ri Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster an t-seachdain seo chaidh, dh'aidich Ceannard Seirbheisean Gàidhlig a' BhBC gu bheil "dùbhlain ionmhais" mu choinneimh craoladh sa chànan.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach ge-tà, gu bheil cothrom ann coimhead ri dìon às ùr mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh air Cairt a' BhBC.
Tha Iain Moireasdan ag ràdh gu bheil e follaiseach gu bheil feum air barrachd airgid.
"'S e a' cheist mhòr a th' againn a-nise dè an ath rud? Is tha e gu math soilleir gum feum sinn taic bho Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Westminster.
"Thug sinn a-staigh companaidh cunntasachd gus sgrùdadh a dhèanamh air an airgead a tha MG ALBA a' faighinn.
"Bha iad a' faicinn 'son a h-uile £1 a tha sinn a' faighinn gu bheil sinn a' cruthachadh faisg air £1.50.
"Tha sinn cuideachd air 350 obair a chruthachadh, dà thrian dhiubh sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.
"Nam faigheadh sinn barrachd airgid, chruthaicheadh sinn barrachd airgid is barrachd obraichean.
"'S e deagh bhargan a tha seo dhan riaghaltas.
"Tha sinn ag iarraidh orra a bhith dàna is coimhead air an rud a rinn na Dànaich agus na dùtchannan Lochlannach eile agus mar a dh'obraich sinn."