Còmhraidhean cobhair do Chaley Thistle?

ICTTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Thistle Inbhir Nis ann an còmhraidhean le maoinichear a dh'fhaodadh an cluba a ghlèidheadh o rianachd.

Chuir an cluba ceann-là Diciadain airson £200,000 a thogail airson rianachd a sheachnadh, ach tha dùil gur ann Diardaoin a choinnicheas bòrd a' chluba ris an neach aig a bheil ùidh.

Thuirt an cluba na bu thràithe den mhìos seo gur e rianachd a bu choltaiche a thachradh riutha mura faigheadh iad maoineachadh ùr.

Cha deach aig iomairt air-loidhne a bha ag amas air an £200,000 a thogail ach air £85,000 a thrusadh ron cheann là de 9:00f Diciadain.

Chaidh Caley Thistle - a bhuannaich Cupa na h-Alba ann an 2015 - a chur sìos às an Championship deireadh an t-seusain mu dheireadh mus do thòisich buaireadh a mhair tron t-Samhradh mu na bha a' dol aig àrd ìre sa chluba.

Am measg sin bha plana airson ionad trèanaidh a' chluba a ghluasad gu Fìobha - rud a chuir am ballrachd an aghaidh gu làidir.

Thàinig call £1.2m air a' chluba an-uiridh, agus tha £1.6m a dhìth airson an cluba a chumail a' dol gu deireadh an t-seusain seo.

Thathas a' tuigsinn gun coinnich buill de bhòrd a' chluba Dihaoine a dheasbad nan ath cheumannan a tha romhpa.