Adhartas le fiachan ICT

ICTTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil stiùirichean a' chluba is feadhainn a bha nan stiùrichean air aontachadh iasadan a thug iad seachad a chur an dàrna taobh, no earrannan sa chluba a ghabhail nan àite.

Thuirt Ailean Savage, a thill gu Caley Thistle an t-seachdain seo chaidh feuch suidheachadh ionmhais a' chluba a leasachadh, gu bheil an t-aonta seo a' fàgail gu bheil ICT mòran nas tarraingiche do dhaoine aig a bheil ùidh sa chluba a cheannach.

Dh'innis Mgr Savage cuideachd gun do chuir e fhèin £200,000 a-steach dhan chluba san t-seachdain mu dheireadh is gur e sin a dh'fhàg gun deach an geama an aghaidh Montrose Disathairne air adhart.

Bha coinneamh ann madainn Diluain, thuirt e, le seann chathraiche ICT, Ross Moireasdan, is Dàibhidh Camshron is Graeme Bennett, a tha nan stiùrichean, am measg na bha an làthair.

Rinneadh aonta aig a' choinneimh fiachan a chur an dàrna taobh no earranan a ghabhail nan àite.

Tha Mgr Savage ag ràdh gur e ceum mòr air adhart a tha seo.

Dh'iarr e cuideachd air an luchd-leantainn taic a chur ris a' chluba le ticeadan-seusain is lèintean is eile a cheannach.