A' Chìs-Chomhairle ag èirigh 9.9% an Earra-Ghàidheal is Bòd

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' chìs-chomhairle a chur suas 9.9%.

Thèid prìsean airson seirbheisean suas 6% cuideachd.

Bha moladh eile aig a' bhuidhinn dhùbhlanaich fo stiùir nan Tòraidhean a' chìs a chur suas 5% a-mhàin agus na prìsean àrdachadh 10%.

Chaidh gabhail ge-tà, ris a' ghluasad aig a' bhuidhinn-riaghlaidh fo stiùir an SNP.

Bha oifigearan a' moladh ron choinneimh gun deadh a' chìs suas 8.9%.

Bha sin air fàgail gum biodh daoine ann an dachaigh chumanta bann D a' pàigheadh £1,610 gach bliadhna bhon Ghiblean, suas £131 bho an-dràsta, ach bidh an t-àrdachadh nas motha a-niste.

Tha aig a' Chomhairle ri beàrn £2.5m a lìonadh sa bhuidseat a tha iad a' stèidheachadh 'son na bliadhna-ionmhais a tha romhainn.

Chan iad Earra-Ghàidheal is Bòd an aon ùghdarras ionadail an Alba a tha a' coimhead ris a leithid, agus moladh air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd a' chìs-chomhairle àrdachadh 7% nuair a choinnicheas iad a chur air dòigh a' bhuidseit acasan an ath-sheachdain.

Dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar gun deadh a' chìs-chomhairle acasan suas 7.5%.