Còmhdhail "thruagh" nan Eilean Siar a' toirt buaidh air slàinte euslainteach

Itealan
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis NHS nan Eilean Siar gu bheil seirbheisean còmhdail "truagh" a' toirt buaidh air slàinte euslainteach is a' cur gu mòr ri cosgaisean.

Tha aithisg, taobh a-muigh a tha a' dol air beulaibh a' bhùird Diciadain cuideachd ag ràdh gu bheil an suidheachadh a' cosg corr is £600,0000, le buaidh air slàinte euslainteach, ìre na seirbheis, is a' cur ri trioblaidean luchd-obrach fhastadh agus ri crìonadh-sluaigh.

Tha rabhadh an cois na h-aithisg gu bheil dùil gum bi seirbheisean adhair agus aiseig a' sìor a dhol am miosad, agus gun ruig am bòrd suidheachdh far nach tèid aca air cumail a' dol mar a tha iad.

Tha an aithisg a' mìneachadh mar a tha am bòrd slainte gu tur an eisimeil cheanglaichean còmhdhail gus euslaintich is luchd-obrach a ghluasad eadar na h-eileanan fhèin is eadar na h-eileanan is tìr-mòr.

Thathas a' tomhas ann an 2022 gun do chleachd 18,000 neach - eadar luchd-obrach is euslaintich - seirbheisean còmhdhail aig muir no san adhar co-cheangailte ri obair a' bhùird.

Ach tha an aithisg a' cur ann an dubh is geal buaidh nan trioblaidean a th' anns na h-Eileanan Siar le seirbheisean còmhdhail air seirbheis na slàinte.

MV Loch PortainTùs an deilbh, MJ Richardson/Geograph

Am measg eile, tha an aithisg a' togail air dùnadh Cidhe Ùige agus na trioblaidean a bh' ann a thuilleadh sin air Caolas na Hearadh leis an MV Loch Portain is MV Loch Bhrusda.

Chuir seo ri cosgaisean gus àiteachan-còmhnaidh fhaighinn do dh'euslaintich is luchd-obrach, càraichean fhaighinn air màl, tursan nas fhaide, is le làithean obrach air an call agus le buaidh air slàinte euslainteach.

Nochd draghan mòra cuideachd mu sheirbheisean adhair Loganair, is euslaintich mar-thà air a bhith a' gearan air seo anns na mìosan mu dheireadh.

Tha an aithisg a' mìneachadh nan trioblaidean a th' ann le clàr-ama a' gheamhraidh a' tòiseachadh nas tràithe na bha dùil eadar Beinn na Faoghla is Glaschu is gun chothrom air turas ann is air ais san aon là.

Chaidh togail cuideachd air an t-seirbheis eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh, nach eil a' ruith ach dà là san t-seachdain, is le ceist mu na tha an dàn dhan t-seirbheis às dèidh a' Mhàirt 2024.

Tha seo cuideachd a' cur gu mòr ri cosgaisean gus àiteachan-còmhnaidh fhaighinn.

Thathas ag ràdh gu bheil barrachd thrioblaidean teicnigeach ann le plèanaichean na bha, is ged a bha roimhe cothrom ann seirbheisean aiseig a chleachadh anns na suidheachaidhean seo, tha an aithisg ag ràdh nach gabh earsba a chur annta-san tuilleadh nas motha.

Chaidh togail cuideachd air mar a chaidh seirbheis PSO eadar Barraigh is Beinn na Faoghla a chall anns na bliadhnaichean mu dheireadh - agus air clàr-ama na Nollaig am-bliadhna eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh, is an aithisg ag ràdh nach eil dùil ri seirbheis idir eadar an 21mh den Dùbhlachd is an 4mh den Fhaoilleach.

A thuilleadh air seo, bha àrdachadh nas motha na bha dùil ann am faraidhean adhair - faisg air £250,000.

NHS nan Eilean Siar

Thathas cuideachd air mar a tha drugaichean ann an seirbheis chemotherapy nach mair ach ùine ghoirid air an call leis gun robh dàil air còmhdhail euslainteach.

Uile gu lèir, tha am bòrd slàinte den bheachd gu bheil na cosgaisean a bharrachd a tha a' tighinn orra ri linn nan gnothaichean seo a' ruighinn £619,727.

A thuilleadh air cosgaisean, tha am bòrd ag ràdh gu bheil an suidheachadh san fharsaingeachd a' toirt buaidh air:

  • slàinte euslainteach is mar a tha iad a' faighinn seachad air obair-lannsa am measg eile

  • comasan a' bhùird seirbheisean a thabhainn aig ìre ionadail

  • luchd-obrach fhastadh le cuid a' diùltadh obair san t-seirbheis air sgàth cho truagh 's a tha seirbheisean còmhdhail

  • crìonadh-sluaigh le trioblaidean daoine òga a thàladh chun nan eilean

Thuirt CalMac gu bheil iad a' tuigsinn mar a tha troimh-chèile le seirbheisean aiseig a' bualadh air coimhearsnachdan is thabhainn iad leisgeul air a son.

Dh'innis iad gu bheil 95% de sheirbheisean a' seòladh mar bu chòir is gu bheil iad a' cosg barrachd na bha iad riamh air obair-càraidh.

Thuirt iad gun dèan sia bàtaichean mòra ùra is deich bàtaichean beaga diofar mòr, ach gum bi cùisean "doirbh" gus an tig iad.

Ann am brath bho CMAL, thuirt iadsan gu bheil iad ag obair air na bàtaichean ùra sin, is gum bi a dhà de na bàtaichean mòra ùra a' frithealadh air na h-Eileanan Siar is a' cur ris an t-seirbheis a th' ann.

Thuirt Loganair gu bheil iad a' toirt seachad seirbheisean riatanach is gu bheil 97% dhiubh a' ruith mar bu chòir ( a thuilleadh air buaidh na h-aimsire) air feadh na lìonra.

Dh'aidich iad gu bheil trioblaidean aca pàirtean fhaighinn is gu bheil seo a' cur dàil air obair-càraidh.

Thuirt iad gu bheil seo a' toirt buaidh air a h-uile companaidh adhair san Rìoghachd Aonaichte is gu bheil iad a' feuchainn ri gnothaichean a leasachadh cho math agus 's urrainn dhaibh.