Turas fad là eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla do dh'euslainteach

Plèana le Loganair
  • Air fhoillseachadh

Thàinig air boireannach air a bheil tinneas Parkinson's agus a bhios a' cleachdadh cathair-chuibhle oidhche a chur seachad an Glaschu 's i a' feuchainn ri tilleadh dhachaigh a Bheinn nam Fadhla an dèidh turas dhan ospadal an Steòrnabhagh.

Bha dùil aig Angusina NicEachainn, 82, turas plèana 30 mionaid a ghabhail à Steòrnabhagh gu ruige Beinn nam Fadhla feasgar Dimàirt.

Chaidh am plèana a chur dheth ge-tà, ri linn sgàineadh ann an uinneag air bòrd.

Chaidh siubhal eile a thabhainn air a' Bh-Ph. NicEachainn, a thuilleadh air 18 euslainteach eile a bha còir falbh air a' phlèana, a' gabhail a-steach plèana a Ghlaschu agus oidhche an taigh-òsta an sin.

Thìll i, agus an nighean aice Sarah a bha còmhla rithe, dhachaigh am Beinn nam Fadhla air a' cheann thall feasgar Diciadain.

Thabhainn Loganair leisgeul airson an t-suidheachaidh, 's iad ag ràdh gun do rinn iad barrachd na dh'fheumadh iad airson cuideachadh a thoirt dhaibhsan air an tug seo buaidh.

Bha a' Bh-Ph. NicEachainn 's an nighean aice air falbh a Steòrnabhagh Dimàirt airson sgan.

Nuair a chaidh am plèana dhachaigh a chur dheth, a thuilleadh air siubhal taobh Ghlaschu, bha roghainn eile aca - oidhche a chur seachad an Steòrnabhagh 's dùsgadh aig 05:00m Diciadain a dh'fhaighinn an aiseag às an Tairbeart a dh'Ùige san Eilean Sgitheanach, 's an uairsin às an sin a Loch nam Madadh - turas aiseig còrr air còig uairean de thìde.

Chaidh turas aon uair de thìde a Ghlaschu agus oidhche ann an taigh-òsta a thabhainn air euslaintich aig an robh trioblaidean gluasaid, leithid na Mnà-Ph. NicEachainn.

Bha sin air am fàgail ag èirigh tràth Diciadain a dh'fhaighinn dhan a' phort-adhair air thoiseach air plèana sa mhadainn a Bheinn nam Fadhla.

Angusina NicEachainnTùs an deilbh, An Teaghlach MhicEachainn
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Parkinson's air Angusina NicEachainn, 's bidh i a' cleachdadh cathair-cuibhle

Dh'fhàs suidheachadh a Mnà-Ph. NicEachainn nas toinnte nuair a thàinig e am bàrr gun robh an taigh-òsta - ann an Druimean, uair de thìde air falbh ann an càr on phort-adhair - mì-fhreagarrach do chathraichean-cuibhle.

Thàinig air Sarah agus a màthair slighe-èiginn teine a chleachdadh airson faighinn dha na seòmraichean aca, an àite dà staighre a chleachdadh. Cha robh liofta ann.

Thuirt Loganair gun robh aig a h-uile companaidh adhair ri dèiligeadh ri duilgheadasan mì-fhortanach an-dràsta 's a-rithist a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air seirbheisean.

"Mar a tha an-còmhnaidh, 's e sàbhailteachd an luchd-siubhail am prìomhachas as motha againn," thuirt labhraiche às leth na companaidh.

"Tha sin air bàrr ar n-inntinn nuair a cho-dhùineas sinn plèana a chur dheth, agus 's e sin an-còmhnaidh an roghainn mu dheireadh.

"Nuair a thachras seo, cuiridh Loganair na pròiseasan aca an sàs airson prìomhachas a thoirt dha luchd-siubhail a tha so-leònte, agus faodaidh mi dearbhadh gur e seo a thachair an dèidh mar a chaidh am plèana seo a chur dheth.

"Rinn Loganair barrachd na dh'fheumadh iad an turas seo airson àite-fuirich a chur air dòigh dhan luchd-siubhail air fad, agus siubhal eile a chur air dòigh air an ath sheirbheis a bha ri fhaighinn.

"Bheireamaid taing don luchd-siubhail againn airson an cuid foighdinn, tuigse agus taice leantainnich." thuirt iad.