Tuathanaich is croitearan a' Mhonaidh Ruaidh dòchasach an dèidh coinneimh

- Air fhoillseachadh
Thug tuathanaich agus croitearan ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh misneachd bho choinneimh a chùm iad oidhche Luain le Ùghdarras na Pàirce.
Bha còrr 's 70 duine aig a' choinneimh an dèidh gearain nach eil an t-ùghdarras a' bruidhinn no a' cumail fios riutha.
Bha iad gu h-àraid mì-thoilichte leis an dòigh san deach conaltradh a dhèanamh mus deach bìobhairean a leigeil ma sgaoil sa Phàirc ron Nollaig.
Bha togail-fianais ann ron choinneimh.
"Bha e mìorbhaileach an tionndadh a-mach a bh' ann an-raoir de dhaoine," thuirt Cathraiche Buidheann Thuathanach 's Chroitearan a' Mhonaidh Ruaidh, Raibeart Dòmhnallach.
"Bha còrr air 100 duine ann uile gu lèir. Bha meall nach deach a-steach dhan choinneimh airson bha an rùm cho làn.
"Tha mi dìreach an dòchas gun cuir e an naidheachd dhachaigh dhan Phàirc nach urrainn dhaibh a bhith ag innse dhuinn dè th' againn ri dhèanamh, gu bheil aca ri tighinn thugainn an toiseach agus faighneachd dè tha a dhìth mus dèan iad suas an inntinn.
"Chuir sinn seachad treis den oidhche a' bruidhinn mu dhèidhinn nam bìobhairean agus an dòigh a bha iadsan air an toirt a-steach.
"Tha iad ag ràdh gun robh conaltradh ann - ach cha robh conaltradh ann.
"Chaidh innse dhuinn gun robh iad a' tighinn, agus cha robh an còrr facal againne ann.
"Le sabaid fhuair sinne beagan a bharrachd mhitigation asta na fhuair an còrr den dùthaich.
"Ach 's e sin an seòrsa gnothaich a tha sinn a' feuchainn ri stad a chur air," thuirt e.

Bha àrd-oifigear Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, Grant Moir, an làthair aig a' choinneimh
Tha a' bhuidheann air cur romhpa buidheann riochdachaidh a chur ri chèile a nì conaltradh dìreach ri bòrd Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta.
"Agus cuideachd, an dòigh a bha am bòrd ag obrachadh, chan eil iad a' tighinn faisg air na tuathanaich 's na croitearan a dh'fhaighinn a-mach dè tha iadsan ag iarraidh.
"Tha sinn a' dol a chur fòram còmhla, de 's dòcha deich no dusan thuathanach 's chroitearan, agus bidh iadsan ag innse dhan bhòrd mu na gnothaichean a tha a dhìth air a' chòrr de na croitearan is na tuathanaich feadh a' Mhonaidh Ruaidh.
"Bidh coinneamhan againn mar a bh' againn an-raoir - ach às aonais nan tractairean - agus bidh daoine a' tighinn cruinn agus an uair sin cuiridh sinn còmhla comataidh a thèid an uair sin air adhart dhan bhòrd a dh'innse dhaibhsan ciamar a tha iad ag iarraidh gnothaichean a dhol," thuirt e.
Thuirt àrd-oifigear Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, Grant Moir, gun robh e fìor mhath na h-uimhir de thuathanaich is chroitearan fhaicinn aig a' choinneimh.
Thuirt e gu bheil an t-ùghadarras a' coimhead air adhart ri co-obrachadh nas fheàrr le tuathanaich 's croitearan san sgìre.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach 2024