Adhartas le leasachadh Cnoc Soilleir

Cnoc Soilleir
  • Air fhoillseachadh

Tha pròiseact Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas a' gluasad air adhart is am BBC a' tuigsinn gu bheil airgead ann an àite airson a dhol air adhart leis an dàrna ìre den leasachadh.

'S e clach-mhìle mhòr a bh' ann nuair a dh'fhosgail an t-ionad cultarail ann an Dalabrog as t-samhradh 2022.

Thug sin gu buil iomairt a bha air tòiseachadh grunn bhliadhnaichean ron sin is Ceòlas agus an UHI a-nise stèidhichte san togalach.

'S e Iain Swinney, a bha na Leas-phrìomh Mhinistear aig an àm, a dh'fhosgail an t-ionad gu h-oifigeil aig toiseach na Sultaine 2022.

Ach fiù 's aig an àm sin, bhathar a' coimhead mar-tha ri maoineachadh fhaighinn airson an dàrna ìre den leasachadh.

Tha am BBC a' tuigsinn gun tèid fhoillseachadh tràth an ath-sheachdain gu bheil an cuibhreann mu dheireadh den airgead a bha a dhìth a-nise ann an àite gus cùmhnant a thoirt seachad.

Aig cridhe an leasachaidh bidh talla mòr le àite 'son suas ri 200 neach.

Bidh cuideachd seòmraichean teagaisg a bharrachd ann agus stiùdio dannsa.