Cluicheadair ùr aig ICT ach ceistean ùra mu rianachd

- Air fhoillseachadh
Tha Caley Thistle air an sguad aca a neartachadh le cluicheadair ùr - aig an dearbh àm 's a tha ceistean ùra air nochdadh mu shuidheachadh ionmhais a' chluba.
Dh'innis an cluba madainn Dimàirt, taobh a-muigh gun deach aonta a dhèanamh le Dùn Dè gus an cluicheadair aghaidh aca Charlie Reilly fhaighinn air iasad chun an Fhaoillich.
Bha Reilly, 22, aig Hamalton agus Partaig mar bhalach ach 's ann a choisinn e cliù dha fhèin aig Albion Rovers is e air a chur adhart airson duais cluicheadair òg na bliadhna ann an Alba ann an 2022/23.
Chaidh a cheannach le Dùn Dè às dèidh sin ach chan eil e air bristeadh a-steach dhan sgioba is chuir e ùine seachad air iasad aig Obar Bhrothaig air an t-seusan seo chaidh.
Ach fhad 's a bha fàilte ga chur air Reilly aig Pàirce Chaledonian, bha ceistean ùra a' nochdadh mun staing ionmhais a tha fhathast a' bualadh air ICT.
Tha aithris, taobh a-muigh ann an Courier Inbhir Nis Dimàirt ag ràdh gu bheil an cluba air còmhraidhean a thòiseachadh le companaidh ionmhais a thaobh a dhol ann an rianachd.
Tha seo a' tighinn grunn sheachdainean às dèidh do dh'Ailean Savage innse gun robh an cluba "air an sàbhaladh bho rianachd".