Tiriodh fhathast gun sheirbheis bann-leathainn mìos an dèidh Stoirm Amy

Cha tèid an càball-mara a tha a' toirt a' bhainn-leathainn a Thiriodh a chàradh gu meadhan na Samhna aig a' char as luaithe a rèir BT
- Air fhoillseachadh
Tha Urras Thiriodh ag ràdh gu bheil e na bhriseadh-dùil nach tòisich an obair a thilleadh seirbheis a' bhainn-leathainn dhaibh gu meadhan na h-ath-sheachdain.
Tha a' choimhearsnachd air a bhith as aonais na seirbheise on chaidh an càball-mara eadar an t-eilean agus Tobar Mhoire a bhriseadh ann an Stoirm Amy aig toiseach na Dàmhair.
Dh'innis BT don urras choimhearsnachd nach eil an t-sìde an t-seachdain seo fàbharach gu leòr airson an obair-càraidh a dhèanamh mar a bha dùil.
Tha iad ag ràdh gum feum an sgioba aca còig là math sreath a chèile airson leigeil leis a' bhàta-chàraidh agus uidheamachd a bhith ag obair gu sàbhailte faisg air a' chladach.
Tha BT a-nis an dòchas gun tòisich an obair Diciadain an 12mh den t-Samhain.
Thuirt an t-urras gun do dh'fhaighinich iad don chompanaidh an gabhadh tòiseachadh air an obair na bu luaithe nan tigeadh piseach air an aimsir.
Tha iad cuideachd a' sireadh fiosrachaidh bho BhT mu na planaichean eile aca ma leanas an t-side dhona.
Thuirt an t-ùrras gu bheil "fios aca cho tàmailteach sa tha seo" agus gu bheil "iad an dòchas naidheachd nas fheàrr a bhith aca a dh'aithghearr".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair
