Cead aig an MV Glen Sannox luchd-siubhail a ghiùlain

An Glen SannoxTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Tha cead oifigeil a-nise aig an aiseag chonnspaideach an Glen Sannox luchd-siubhail a ghiùlain.

Thàinig cead bho Bhuidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) agus Lloyds Register.

Tha dùil a-nise gun tèid am bàta a thoirt seachad do ChalMac a dh'aithghearr, ach bidh grunn sheachdainean ann mus tig i a-steach do sheirbheis air slighe Arainn is feum air deuchainnean leis a' chriutha.

Bha còir bho thùs aig an aiseag a bhith deiseil ann an 2018 is i fhèin is am bàta eile a bhathar a' togail aig Gàrradh MhicFheargais, an Glen Rosa, gus £97m a chosg uile gu lèir.

Tha na bàtaichean comasach air ruith air gas LNG a thuilleadh air connadh mara traidiseanta.

Chaidh dàil às dèidh dàil air na h-aiseagan le connspaid ann mu dhealbhadh is cosgaisean am measg eile, is Riaghaltas na h-Alba mu dheireadh thall a' cur Gàrraidh MhicFheargais dhan roinn phoblaich.

Tha dùil gun cosg na h-aiseagan còrr is £400m air a' cheann thall.

Thàinig an dearbhadh mu na ceadan ann an litir, taobh a-muigh bho àrd-oifigear eadar-email Gàrradh MhicFheargais, John Petticrew, gu buill air Comataidh Còmhdhail Pàrlamaid na h-Alba.

"Tha sinn fìor thoilichte innse gu bheil na ceadan uile aig an Glen Sannox," sgriobh Mgr Petticrew.

"Nuair a thèid na pròiseasan laghail is cùmhnantail riatanach troimhe, thèid am bàta a thoirt seachad do CMAL.

"Thèid i an uairsin a chur fo smachd ChalMac, is bidh feum aca air sia seachdainean gu leth mus tig i a-steach gu seirbheis."

Tha dùil gun tèid an Glen Rosa a thoirt seachad san t-Sultain 2025.