Dàil eile air a' Chaledonian Isles

MV Caledonian IslesTùs an deilbh, Christopher Brindle
  • Air fhoillseachadh

Thàinig dàil eile air an MV Caledonian Isles, a th' air a bhith a-mach à seirbheis fad bliadhna gu leth.

Bha CalMac air innse gum biodh i air ais an t-slighe eadar Àird Rosain is Arainn Diardaoin an t-seachdain seo, is an uairsin Dihaoine.

Tha iad ag ràdh a-nise gu bheil trioblaid air nochdadh le gearbox a' bhàta agus i fo dheuchainn aig muir.

Bidh Dimàirt ann a-nise, aig a' char as luaithe, mus bi an Caledonian Isles air ais air an t-slighe eadar Arainn is tìr-mòr.

Bhrist i an toiseach san Fhaoilleach 2024 is chaidh dàil air planaichean 'son a tilleadh gu seirbheis grunn thursan bhon uairsin.

Thuirt neach-labhairt bho ChalMac nach eil dùil aca gur e duilgheadas mòr a tha san trioblaid a nochd.

"'S e briseadh-dùil a tha seo ach bidh seirbheis le dà bhàta às An Truthail a' leantainn san eadar-ama.

"Tha deuchainnean mara ann gus rudan mar seo a thoirt am bàrr.

"Bha slighe fhada againn gus an ìre seo a ruighinn leis an MV Caledonian Isles is tha sinn fhathast misneachail gum faic sinn i air ais ann an seirbheis san aithghearrachd."

'S e an Glen Sannox is an Alfred a tha air a bhith air slighe Arainn anns na mìosan mu dheireadh.

Dhearbh CalMac aig toiseach na mìos gun robh iad air an cùmhnant màil aca le Pentland Ferries 'son an Alfred a leudachadh còig mìosan eile.