Bile nam Meadhanan troimhe gun atharrachadh dhan Ghàidhlig

Cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Bile nam Meadhanan tron Phàrlamaid ann an Westminster oidhche Ardaoin, ach às aonais an atharrachaidh a bha MG ALBA a' sireadh a bhiodh air inbhe chraolaidh na Gàidhlig a neartachadh.

A rèir Iain Mhoireasdain, Cathraiche MG ALBA - cha robh seo na iongnadh dhaibh idir - ach thathas dòchasach gum faigh iad deagh èisteachd bhon ath riaghaltas a bhios aig an Rìoghachd Aonaichte.

"Tha sinne a' smaoineachadh gu bheil an argamaid againn làidir co-dhiù," thuirt e.

"Tha sinn a' coimhead airson co-ionnannachd san lagh còmhla ris na Cuimrich.

"Agus tha e caran, tha sinne ag ràdh, chan eil gliocas sam bith air cùl seo ma tha sibh a' toirt làn-taic agus làn-sheasamh fon lagh do dh'aon chànan Cheilteach ma tha sibh a' fàgail a' chànain eile às aonais na taice a tha sin.

"Cumaidh sinn a' dol a' dèanamh phrògraman, 's bidh sinn a' dèanamh phrògraman air rèidio, air telebhisean, air na seirbheisean didseatach.

"Ach cumaidh sinn cuideachd a' sabaid airson seo.

"Agus mar a bha mi ag ràdh, chan e sgeul ùr a bhios an seo dha na pàrtaidhean idir.

"Tha sinn an dèis innse na sgeulachd seo dhan a h-uile duine aca. Tha tuigse aca air, agus tha mise an dòchas, às dèidh dhuinn riaghaltas ùr - ge b' i dè an dath a bhios air, gum faigh sinn gluasad an uair sin," thuirt e.