Dà bhuidhinn Ghàidhlig an Steòrnabhagh a' faighinn taic-airgid

Seisean aig An Taigh CèilidhTùs an deilbh, AN TAIGH CÈILIDH
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air taic-airgid fhoillseachadh do dhà bhuidhinn Ghàidhlig ann an Leòdhas agus iad ag ràdh gum feum an cànan a bhith air a bhrosnachadh anns na sgìrean traidiseanta.

Thàinig an naidheachd is dùil aig an Leas-Prìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis a bhith ann an Steòrnabhagh Dimàirt, ged a chaidh an turas aice a chur dheth air a' cheann thall air sgàth na h-aimsire.

Thèid £110,000 a thoirt do MG ALBA gus stiùidiothan ùrachadh ann an Steòrnabhagh.

Gheibh An Taigh Cèilidh, ionad cultarail Gàidhlig ann an Steòrnabhagh, £10,000 gus obair-leasachaidh a dhèanamh air an togalach aca, agus gus ionnsramaidean ciùil a cheannach.

Tha seo a' tighinn beagan sheachdainnean às dèidh dhan Taigh Cèilidh na goireasan aca a leasachadh is an dàrna togalach a-nise aca.

Thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil feum air gnìomh an-dràsta gus a' Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an sgìrean far a bheil daoine ga bruidhinn gu traidiseanta, agus gu bheil iad cuideachd a' toirt Bile nan Cànanan Albannach air adhart gus an cànan a neartachadh air feadh na dùthcha.