Co-chomhairle air cìs turasachd ga deasbad an Earra-Ghàidheal is Bòd

An t-ÒbanTùs an deilbh, IAIN MACILLEATHAIN
  • Air fhoillseachadh

Nì comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd co-dhùnadh Dihaoine co-dhiù thèid co-chomhairle phoblach a chumail mu chìs turasachd a chur an sàs san sgìre.

Tha a' Chomhairle a' coimhead feuch an gabhadh leithid de chìs a stèidheachadh air gach oidhche ann an aite-aoigheachd, mar dhòigh air airgead a thogail.

Dheadh an t-airgead a thogte leis a' chìs a chosg air goireasan agus seirbheisean a chleachdas luchd-turais.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil 20 uimhir de luchd-turais, taobh a-muigh a' tadhal air Earra-Ghàidheal 's a tha de dhaoine a' fuireach san sgìre, 's gu bheil sin a' cur cuideim mhòir air bun-structair na sgìre.

Tha còrr air 21,000 leabaidh ri fhaighinn do luchd-tadhail ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, agus ri linn sin tha turasachd air leth cudromach do dh'eaconomaidh na sgìre.

Ma nì comhairlichean co-dhùnadh co-chomhairle phoblach a chumail air a' mholadh ghabhadh e cur an sàs ann an 2027 air a' char as tràithe.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg ùghdarrasan ionadail eile a tha a' coimhead ri cìs turasachd a stèidheachadh.

Bhòt Comhairle Baile Dhùn Èideann anns an Lùnastal airson cìs a chur air luchd-tadhail sa bhaile.