Mòran an Tiriodh fhathast às aonais a' bhainn-leathainn

- Air fhoillseachadh
Tha mòran de mhunntir Thiriodh fhathast às aonais a' bhainn-leathainn cha mhòr seachdain an dèidh do Stoirm Amy.
Dh'innis a' chompanaidh OpenReach gun deach milleadh a dhèanamh air a' chàball eadar an t-eilean agus Tobar Mhoire ann an Stoirm Amy aig an deireadh-sheachdain.
Thuirt iad gun tàinig seo am follais an dèidh mar a chaidh cumhachd a thilleadh chun an eilein, agus gu bheil dachannan ann an Tiriodh an-dràsta às aonais a' bhainn-leathainn.
"Buille mhòr"
Thuirt an Dtr John Holliday bho Chomhairle Coimhearsnachd Thiriodh gu bheil an suidheachadh air gnothaichean practaigeach fhàgail doirbh do mhuinntir an àite.
"Chan eil na h-innealan cairt ag obair sna bùithdean 's tha daoine a' ceannach le airgead pronn," thuirt e.
"Ach chan eil mòran dheth sin san eilean san là a th' ann 's tha ceannach rudan a' fàs caran doirbh.
"Ma tha thu ag iarraidh ticead plèana a bhucadh, no dad a chur air dòigh, tha e gu math doirbh.
"A thaobh ghnothachasan tha an Tiree Wave Classic a' dol deireadh na seachdain seo, 's chan eil fhios agam dè cho furasta 's a bhios sin gun cheangalachd.
"Bheir e buille mhòr do dh'eaconomaidh an eilein."
Thuirt OpenReach gun robh sgioba de luchd-einnseinnìridh a' dèanamh air an eilean madainn Diardaoin airson ceangal eadar-lìn eadar-amail a stèidheachadh, fhad 's a tha iad a' dèanamh obair-càraidh.
Thuirt iad gun robh iad taingeil airson foighidinn agus tuigse an fheadhainn air a bheil seo a' toirt buaidh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean