Teine ùr monaidh air tòiseachadh faisg air Farrais

TeineTùs an deilbh, PETER JOLLY
  • Air fhoillseachadh

Tha smàladairean a' dèiligeadh ri teine ùr faisg air Farrais ann am Moireibh, an dèidh mar a sgap dà theine mòr monaidh faisg air Baile nan Granndach air an deireadh-sheachdain.

Chaidh sia carbadan-smàlaidh a ghairm chun na làraich an dèidh mar a chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach goirid ro 09:00m Diluain.

Tha trì rathaidean fhathast dùinte an dèidh teintean deireadh na seachdaineach, 's smàladairean air an dàrna oidhche a chur seachad gan sabaid.

Tha na teintean air sgrìob mhòr de Mhòinteach Dhamh-Àth a losgadh.

Tha an A939 eadar Feàrnais agus Baile nan Granndach dùinte, a thuilleadh air an A940 eadar an Damh-Àth 's an Lagaidh, agus am B0997 eadar Daoghal agus Feàrnais.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 5:50f Disathairne gun robh teine air tòiseachadh ann an coille faisg air Loch Ailein 's gun robh e air sgapadh tarsainn air sgìre grunn mhìltean de dh'fhaid.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun deach adhartas a dhèanamh gus na teintean a chur fo smachd, agus gun robh criuthaichean le dà einnsean-smàlaidh an làthair a' cumail sùil air an t-suidheachadh.