160 dachaigh shòisealta ùr air iomall Steòrnabhaigh san amharc

Luchd-togailTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) air tagradh planaidh a chur gu Comhairle nan Eilean Siar airson sgeama ùr sam biodh 160 dachaigh shòisealta ann an Ceann nam Buailtean.

'S ann air pìos talmhainn sa bheil 10 heactair a bha uair mar phàirt de Thuath Mhealboist a bhiodh na taighean agus 's e Mealabost an Iar ainm an leasachaidh a tha san amharc aca.

Bhiodh measgachadh de thogalaichean aon-ùrlair agus dà-ùrlair de dhiofar mheudan ann, agus bhiodh rùm ann do suas ri ceathrar luchd-còmhnaidh sa chuid as motha dhiubh le cuid mòr gu leòr airson seachdnair.

Bhiodh 26 a-mach às na dachaighean ùra freagarrach do dhaoine a tha a' cleachdadh cathair-chuibhle.

Bhiodh pàirc phoblach mar phàirt de na thathar a' moladh a bheir cothrom do dhaoine a' bhith a' coiseachd agus a' cluiche.

Dh'iarr oifigearan dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar gum bi làrach choimheirsealta ann agus bidh seo ri taobh cearcaill-rathaid ùir a thèid a thogail an àite a' chinn-rathaid chun na làraich an-dràsta.

Chùm HHP dà sheisean conaltraidh poblach san Dùbhlachd 2024 agus san Fhaoilleach 2025.

San tagradh aca tha a' bhuidheann ag ràdh: "San fharsaingeachd, bha daoine a' cur fàilte air barrachd taigheadais aig prìs reusanta san eilean agus a' moladh coltas nan taighean agus far am biodh iad air an togail."

Am measg nan draghan a thog am poball bha ceanglaichean ri seirbheisean BT, sàbhailteachd rathaidean fhad 's a tha an obair togail a' dol air adhart agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air sgoiltean ionadail.

Gheibhear fiosrachadh nas mionaidiche mun leasachadh a thathar a' moladh air làrach-lìn Comhairle nan Eilean Siar an seo., taobh a-muigh