Taighean ùra an t-Òib air an toirt seachad

- Air fhoillseachadh
Chaidh còig taighean ùra san t-Òb a chur ann an làmhan Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) gu h-oifigeil is iad a-nise dèiseil airson daoine a bhith a' gluasad a-steach.
Rinn a' choimhearsnachd strì mhòr gus na taighean fhaighinn.
Bha mì-thoileachas mòr ann nuair a thàinig e am follais bho thùs nach rachadh ach sia taighean a thogail.
Às dèidh iomairt am measg an t-sluaigh chaidh aontachadh gum biodh 12 dachaigh ùr ann.
Dh'fhàg sin muinntir an t-Òib a' dèanamh gàirdeachais is iad ag ràdh gun robh cruaidh fheum air barrachd thaighean sa bhaile.
Tha còig taighean a-nise deiseil is dùil gum bi teaghlaichean a' gluasad a-steach an ceann ùine.
Tha seachd taighean eile fhathast ri thighinn is dùil gum bi iad sin deiseil san Dàmhair.
'S e a' chompanaidh Alex Murray Construction a tha a' dèanamh na h-obrach.

Thuirt Donnie Dòmhnallach, às leth Comhairle Coimhearsneachd Cheann a Deas na Hearadh, gun robh e a' cur fàilte mhòr air na còig taighean agus gu bheil iad a' coimhead air adhart gu mòr ris an seachd eile a bhith deiseil ann an ùine nach bi ro fhada.
Thuirt Pòl MacIllinnein, Ministear an Taigheadais aig Riaghaltas na h-Alba, buidheann a chuir maoineachadh a-steach don phròiseact seo, gun robh iadsan a' dèanamh gàirdeachais cuideachd mun chùis.
Thuirt e gu bheil e an dùil gum bi na taighean seo mar phàirt de dh'oidhirp gus spionnadh a chur sa choimhearsneach agus a bhith a' cumail taic ri gnothachasan agus seirbheisean anns an sgìre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An t-Iuchar 2023
- Air fhoillseachadh19 An Gearran 2024