Cead-dealbhachaidh do Bhun-sgoil a' Challtainn

- Air fhoillseachadh
Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson na bun-sgoile ùire Gàidhlig air taobh sear Ghlaschu.
'S e Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn an ceathramh sgoil Ghàidhlig a bhios sa bhaile.
Bidh i stèidhichte ann an togalach seann sgoil an Naoimh Seumas, a dhùin ann an 2009.
Fhuaireadh cead roimhe airson pàirt den togalach a leagail.
Tha Comhairle Ghlaschu a-nise air cead a thoirt seachad airson obair-sgeadachaidh agus leasachadh air a' chòrr.
Tha dùil gum bi an obair deiseil san Dùbhlachd 2025 agus gum fosgail an sgoil san Fhaoilleach 2026.
Tha clann an-dràsta air an teagasg ann am Bun-sgoil Chealbhainn a Tuath.
Thàinig e am bàrr an-uiridh gun robh cosgais a' phròiseict air èirigh is gum feumadh Comhairle Ghlaschu suas ri £11.6m a chosg air.
Tha dùil gun cosg e £22.8m uile gu lèir leis a' chòrr den mhaoineachadh a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha an togalach an-dràsta ann an droch staid.
Am measg na bhios ann bidh 12 seòmar-clàs is leudachadh anns am bi talla, cidsin is goireasan dràma.
Bidh talla spòrs ann cuideachd.
Dh'innis na planaichean gu bheil am pròiseact a' coileanadh iarrtais airson na ceathramh bun-sgoil Gàidhlig ann an Glaschu, cho math ri ath-bheòthachadh a thoirt air tè de na làraichean as cudromaiche a th' ann a thaobh dualchas na sgìre.
Tha dòchas ann, tha am plana ag ràdh, gun tig ath-bheòthachadh air làraichean dualchais eile na sgìre ri linn.
Bha Comhairle Coimhearsnachd a' Calltainn air taic a chur ris an leasachadh is iad ag ràdh gun tèid togalach eachdraidheil a chleachdadh ann an doigh chiallach is iomchaidh.
Chaidh an sgoil a thogail ann an 1885.
