Barrachd airgid 'son Bun-sgoil a' Challtainn

Seann sgoil an Naoimh SeumasTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Comhairle Ghlaschu £11.6m a chosg air a' bhun-sgoil ùir Ghàidhlig air taobh sear a' bhaile is cosgaisean a' phròiseict air èirigh.

Tha dùil gum fosgail Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn, an ceathramh sgoil Ghàidhlig sa bhaile, aig deireadh 2025.

Bidh an sgoil stèidhichte ann an togalach seann sgoil an Naoimh Seumas, a dhùin ann an 2009.

Bha dùil ann an 2019 gun cosgadh an sgoil ùr mu £16.5m le £8.25m a' tighinn bhon ùghdarras ionadail.

Chuala coinneamh, taobh a-muigh gu bheil dàil ri linn Covid, sgrùdadh a sheall gun robh an togalach ann an staid nas miosa na bha dùil bho thùs, agus mar a tha cosgaisean air èirigh san fharsaingeachd, air fàgail gu bheil dùil gun cosg am pròiseact a-nise cha mhòr £23m, is feum air £11.6m bhon Chomhairle fhèin.

Dh'aontaich comhairlichean an t-airgead a thoirt seachad.

Thig cha mhòr £3m bho Mhaoin Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba is cha mhòr £8m de dh'airgead LEIP ann cuideachd.

Tha £500,000 a bharrachd a' tighinn bho airgead leasachaidh na Comhairle fhein.