Coinneamh èiginneach an Uibhist a Deas a dheasbad na seirbheis aiseig aca

- Air fhoillseachadh
Tha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) air coinneamh èiginneach a ghairm a dheasbad na slighe air adhart do sheirbheis aiseig Loch Baghasdail.
Dh'innis iad aig toiseach na mìos seo gu bheil fearg agus dragh orra mun lùghdachadh san t-seirbheis sna beagan mhìosan a dh'fhalbh agus nach gabh an soitheach a th' air an t-slighe an-dràsta ach 45 luchd-siubhail seach 900.
Tha dùil gum bi buaidh fhathast air clàran-ama, taobh a-muigh agus air seirbheis Uibhist a Deas sa Ghiblean agus sa Chèitean leis gu bheil soithichean gan gluasad timcheall lìonra ChalMac.
Tha buidheann an luchd-gnothachais den bheachd gum faodadh fàs mòr a thighinn air eaconamaidh Uibhist a Deas agus gu leòr a' dol san sgìre eadar obraichean dìon, taighean-staile, colaistean agus turasachd.
Chan eil seo a' tachairt ge-tà, tha iad ag ràdh, leis gu bheil na ceanglaichean còmhdhail le tìr-mòr cho truagh.

Am measg na dh'iarradh luchd-gnothachais an Uibhist 's e cidhe ùr ann an Loch Baghasdail
Tha iad a' toirt cuireadh do bhuidhnean agus daoine aig a bheil gnothach ri seirbheisean aiseig a thighinn chun an eilein a bhruidhinn air mar a ghabhas an t-seirbheis a leasachadh.
Am measg nan amasan aca tha:
Seirbheis nas fheàrr do dh'Uibhist a Deas sa Ghiblean agus sa Chèitean nuair a bhios atharrachadh air a' chlàr-ama uair eile, agus gum faigh aig barrachd na 45 duine air seòladh.
Bàta-aiseig ùr do dh'Uibhist a Deas.
Cidhe ùr ann an Loch Baghasdail.
Grantaichean do ghnothachasan ionadail gus am bi iad ullaichte nuair a bhios ceanglaichean còmhdhail cinnteach ann a-rithist.
Bidh a' choinneamh ga cumail ann an Cnoc Soilleir ann an Dalbrog air an 12na den Ghiblean.