Fearg mu na h-aiseagan an Uibhist a Deas

- Air fhoillseachadh
Sgrìobh Buidheann Buaidhe Gnothachasan Uibhist a Deas(SUBIG) gu Prìomh Mhinistear na h-Alba a ràdh gu bheil iad air an "uabhasachadh" uair eile leis an t-seirbheis a tha an t-eilean a' faighinn bho ChalMac.
Thuirt iad gun deach am beachdan iarraidh air roghainnean gus piseach a thoirt air cùisean anns a' Ghearran agus nach deach aon mholadh bhuapa a chur an gnìomh 's nach deach aon iarrtas a choileanadh.
Tha seo air fàgail gu bheil soithich eile an Isle Mull ga roinn eadar Uibhist a Deas agus Barraigh, ach tha an soitheach sin air a chuingealachadh gu bhith a' giùlain 45 luchd-siùbhail leis nach eil uidheamach sabhalaidh an t-soithich le barantasan bhon MCA.
Tha iad ag ràdh gu bheil an t-seirbheis air a gearradh gu mòr is seusan na turasachd a' teannadh dlùth agus nach eil aca ach soitheach a' seòladh aon uair san là gu caladh 86 mìle bhon phort àbhaisteach air tìr-mòr, is comas aice dìreach 45 neach-siubhail a ghabhail.
Thuirt John Daneil Peteranna bhon bhuidhinn gu bheil iad air an uabhasachadh leis an t-suidheachadh.
"A-rithist, tha coltas ann gur e Uibhist a Deas a tha aig mullach na liosta airson faighinn cuidhteas dheth, chan eil iad ag èisteachd rinn.
"Bha diofar roghainnean air an cur mar coinneamh, thug sinn roghainnean dhaibh uill co-dhiù thug e dhuinn aiseag aig diofar amannan tron t-seachdain - ach a-rithist cha deach feart a thoirt air sin.
"Tha e coltach ri Là Groundhog, tha an aon chòmhradh agad a-rithist agus a-rithist agus a-rithist, tha thu a' bruidhinn ri luchd-poileataigs agus tha iad ag ràdh gu bheil iad ag èisteachd ach 's e am beul a labhras, ach 's e an gnìomh a dhearbhas", thuirt Mgr Peteranna.
Fìor bhuille
Tha iad a' sùileachadh gum bi Uibhist a Deas a' fulang air sgàth an t-suidheachaidh agus tha iad a' moladh cur às de reataichean gnothachais ìre neoni do Leòdhas agus na Hearadh agus an t-airgead sin a chleachdadh airson granta a chuidicheadh leis a' buaidh eaconomaich.
Thuirt iad gu bheil sgrùdaidhean air dearbhadh gu bheil fìor bhuille ga thoirt do dh'eaconmaidh Uibhist a Deas nuair a bhios seirbheisean aiseig gan call.
A thuilleadh air granta stèidhichte air airgead a chailleadh gnothachasan Leòdhais agus na Hearadh, tha iad ag iarraidh air Iain Swinney coimhead às ùr ri seirbheisean Uibhist agus dèanamh cinnteach gum bi aiseag le làn chomas giùlain ann co-dhiù dà là anns an t-seachdain, agus gum biodh Disathairne am measg an dà là sin, airson na mìosan a tha romhainn.
Cuideachd, tha iad ag iarraidh gealltanas gun tèid aiseag ùr do dh'Uibhist a Deas òrdachadh am bliadhna agus gun tèid am post ùr an Gàsaigh air adhart.
Tha Còmhdhail Alba ag ràdh gu bheil iad ag àithneachadh na buaidh a tha an dàil agus troimhe-a-cheile a tha seo a' toirt air coimhearsnachdan eileanach.
Tha iad cuideachd ag ràdh gun cosg an riaghaltas £530m am-bliadhna a' leasachadh agus a' cumail lìonra aiseagan na h-Alba aig ìre.