A83 fhathast dùinte an dèidh maoim-slèibhe

Làrach na maoime-slèibheTùs an deilbh, BEAR ALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha an A83 ann an Earra-Ghàidheal fhathast dùinte, le maoim-slèibhe ann an Gleann Chonghlais.

Tha obair a' leantainn gus an rathad a ghlanadh, an iar air an Rest and Be Thankful, ach tha uisge eile air maill a chur air sin.

Chaidh an rathad a dhùnadh eadar an t-Àrchar agus an Càrn Dubh madainn Diluain.

Tha an t-slighe oifigeil a thathas a' moladh dha dràibhearan timcheall air an trioblaid mu 60 mìle de dh'fhaid.