Am bu chòir pàigheadh 'son faighinn a-steach gu làraich Thursachan Chalanais?

Tursachan ChalanaisTùs an deilbh, Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Tha moladh ann gum feum daoine pàigheadh airson tadhal air Tursachan Chalanais.

  • Air fhoillseachadh

Thòisich co-chomhairleachadh poblach air molaidhean cìs-inntrigidh a thoirt a-steach do luchd-tadhail Thursachan Chalanais.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba cuideachd a' sireadh bheachdan a' phobaill air molaidhean atharrachadh a thoirt air mar a gheibh daoine a-steach gu làraich nan Tursachan.

Tha iad ag ràdh gun rachadh airgead sam bith a thogadh cìs a chosg air an làrach a dhìon agus air obair-ghlèidhteachais air feadh nan Eilean Siar.

Chan fheumadh muinntir an àite a' chìs a phàigheadh fo na thathar a' moladh.

Tursachan ChalanaisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh na mìltean mòra a' tadhal air an làraich gach bliadhna agus tha dùil ri mòran a bharrachd.

Bidh mu 120,000 duine a' tadhal air na Tursachan a h-uile bliadhna.

Tha dùil ge-tà gun èirich àireamhan gu h-àraid leis na tha de luchd-turais a tha a-nis a' tighinn air soitheachan mòra gu cala ùr domhain aig Port Steòrnabhaigh.

Tha an làrach fosgailte fad na bliadhna agus tha e an asgaidh an-dràsta agus tha am moladh gum pàigh luchd-tadhail mar phàirt de na planaichean aig Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba is Urras nan Tursachan goireasan aig an làraich a leasachadh gu mòr.

San Iuchar thàinig dearbhadh gun d' fhuaireadh maoineachadh £10.1m airson Ionad nan Tursachan a leasachadh.

Tursachan ChalanaisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chosgadh airgead a thogadh cìs-inntrigidh airson na Tursachan a ghlèidheadh.

Chaidh na Tursachan a thogail ann an Linn Ùr na Cloiche bho chionn 5,000 bliadhna.

Thuirt Sian Evans bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba: "Feumaidh sinn ceumannan a ghabhail airson dèanamh cinnteach gum bi dìon air na Tursachan airson co-dhiù 5,000 bliadhna eile."

Tha Cathraiche Urras nan Tursachan, Ian Fordham, ag ràdh gun robh e mar mhiann dhaibh an làrach a leasachadh fad ùine mhòir.

"'Tha an naidheachd seo a' tighinn an dèidh 10 bliadhna de dh'obair chruaidh, agus tha sinn air ar dòigh an ceum cudromach seo a ghabhail," thuirt e.

Tha an co-comhairleachadh poblach, taobh a-muigh fosgailte chun an 31mh den Dàmhair 2024.