£10m airson leasachadh Ionad nan Tursachan

Nu Tursachan
  • Air fhoillseachadh

Tha gàirdeachas ga dhèanamh ann an Calanais le dearbhadh oifigeil ann a-nise air maoineachadh £10.1m airson Ionad nan Tursachan a leasachadh.

'S fhada bho thòisich an iomairt seo is aithne ann gun robh feum air an t-ionad a thoirt gu ìre is tòrr a bharrachd dhaoine a' tadhal air san là a th' ann.

Thug Comhairle nan Eilean Siar cead dhan phlana nas tràithe am-bliadhna.

Tha 30 bliadhna ann bho dh'fhosgail an t-ionad bho thùs.

Thàinig còrr is £4m bho Riaghaltasan na h-Alba is na Rìoghachd Aonaichte tro Aonta nan Eilean, £3m bho Mhaoin Dualchais a' Chrannchuir, £2m bho Mhaoin Ath-bheòthachaidh Riaghaltas na h-Alba, a thuilleadh air taic bho HIE is Comhairle nan Eilean Siar.

Thèid an t-ionad a leudachadh, a' gabhail a-steach cafaidh is cidsin nas motha, bidh barrachd fiosrachaidh ann mu eachdraidh na làraich, is goireasan parrcaidh nas fheàrr cuideachd.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Coinneach MacIllinnein a' bruidhinn air Aithris na Maidne

Bidh an t-ionad cuideachd fosgailte fad na bliadhna às dèidh seo le barrachd obraichean ann, is dòchas air daoine òga a chumail san sgìre.

"Faochadh mòr agus coimhead air adhart ris gum faigh sinn air cùisean a chur air adhart," thuirt Coinneach MacIllinnein MBE, cathraiche Urras Oighreachd Chàrlabhaigh, is e ag innse gun do thòisich obair aig toiseach na mìos.

"Nuair a bhios an t-àite deiseil tha mi an dòchas gum bi e na àite air leth math 'son luchd-turais agus airson daoine às an àite fhèin.

"'S e an aon togalach a tha air a bhith ann bho chaidh a thogail bho chionn còrr is 30 bliadhna.

"Mar a tha àireamhan an t-sluaigh air èirigh agus na bhios a' tighinn a chèilidh air na Tursachan, tha feum air leasachadh a dhèanamh."