Coinneamh èiginneach mu chànanan aig Oilthigh Obar Dheathain

Oilthigh Obar DheathainTùs an deilbh, OILTHIGH OBAR DHEATHAIN
  • Air fhoillseachadh

Bidh coinneamh èiginneach aig Seanadh Oilthigh Obar Dheathain Diciadain a dheasbad cunnairt do theagasg agus rannsachadh cànain aig an oilthigh, a Ghàidhlig nam measg.

Tha an oilthigh a' cur co-chomhairle air dòigh air plana fon sguireadh ceumannan cànain, le call-cosnaidh an lùib sin.

Tha iomairt air tòiseachadh an aghaidh nam planaichean 's a tha athchuinge air-loidhne.

Tha an t-Ollamh Emeritus Wilson MacLeòid bho Oilthigh Dhùn Èideann a' cur an cuimhne Oilthigh Obar Dheathain gu bheil dleastanas orra a thaobh na Gàidhlig.

"'S e suidheachadh tàmailteach a th' ann," thuirt e.

"Tha e car doirbh a chreidsinn gum biodh oilthigh cho cliùiteach ri Obar Dheathain a' feuchainn ri chur às de na ceumannan sna cànanan air fad, Gàidhlig nam measg.

"Tha Oilthigh Obar Dheathain air a bhith ann airson còrr is 500 bliadhna, oilthigh àrsaidh na h-Alba, agus cuideachd tha an oilthigh a' frithealadh sgìre mhòir ann an ear-thuath na h-Alba.

"Ma thèid iad air adhart leis na planaichean sin cha bhi ceum ann an cànanan ri fhaighinn taobh tuath air Abhainn Tatha an Alba. Duilich a chreidsinn.

"Agus bhiodh e dona dha-rìribh dhan Ghàidhlig, oir tha Oilthigh Obar Dheathain air a bhith gu math cudromach ann an teagasg agus rannsachadh na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean.

"Tha e duilich a chreidsinn cuideachd, ma choimheadas sinn air na dleastanasan a th' aig an oilthigh fo Achd na Gàidhlig.

"Tha plana Gàidhlig aca. Ghabh iad ri dleastanasan a thaobh teagasg agus adhartachadh na Gàidhlig ann an dòighean eile.

"Bu chòir dhaibh cumail ris na dleastanasan sin - na geallaidhean sin.

"Tha mi an dòchas gum bi Bòrd na Gàidhlig agus an Riaghaltas a' cur cuideim iomchaidh orra airson cumail ri sin," thuirt e.

Oileanaich a' togail fianais

Tha an t-Oll MacLeòid a' faicinn diofar adhbharan air cùlaibh nam planaichean.

"Tha diofar rudan a' dol. Tha na tha a' dol anns na sgoiltean a thaobh cànain agus structar a' churraicealaim, tha sin a' toirt buaidh air gnothaichean," thuirt e.

"Tha na h-àireamhan a tha a' dèanamh chànanan a' dol sìos, tha sin ann.

"Agus cuideachd tha na h-oilthighean ann an staing a thaobh ionmhais, ann an diofar dhòighean.

"Ach gu h-àraidh an Alba, tha Riaghaltas na h-Alba a' cur nas lugha na £2,000 sa bhliadhna mu choinneimh oileanaich à Alba, agus tha sin gu math duilich.

"Ach gun teagamh tha cultar a tha a' toirt prìomhachas do STEM (saidheans, teicneòlas, einnsinearachd agus matamataig) a' dèanamh cron air cuspairean eile.

"Tha sinn feumach air cuspairean eile, agus tha sinn feumach air farsaingeachd de chuspairean.

"Fìor oilthigh, nam bheachdsa, feumaidh iad a bhith an sàs ann am fìor fharsaingeachd de chuspairean.

"Tha oilthighean nach robh riamh a' tabhann cheumannan anns na cànanan.

"Ach airson oilthigh a tha ag amas air a bhith air a' chiad inbhe, a bhith am measg nan oilthighean as fheàrr an Alba, ann am Breatainn, le cliù eadar-nàiseanta, feumaidh iad an fharsaingeachd sin.

"'S tha e a' toirt droch buaidh air an oilthigh air fad. Air cultar an oilthigh.

"Tha e uabhasach duilich àrainneachd fìor sgoileireil a chruthachadh ma tha an t-oilthigh air fàs cumhang agus ro speisealaichte.

"Feumar farsaingeachd airson inbhe oilthigh cheart, nam bheachdsa," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo