Tasgadh prìseil air nach robh sgeul airson faisg air 3,000 bliadhna

Òrnaidean bho thasgadh thìodhlaicte bho Linn an Umha a lorgadh an Ros MaircnidhTùs an deilbh, GUARD ARCHEOLOGY
Fo-thiotal an deilbh,

Òrnaidean bhon thasgadh thìodhlaicte bho Linn an Umha a lorgadh an Ros Maircnidh

  • Air fhoillseachadh

Tha arc-eòlaichean ag ràdh gun do lorg iad rudan umha òrnaideach a chuireadh fon talamh airson an cumail sàbhailte bho chionn faisg air 3,000 bliadhna.

Thug iad na nithean a bh' air am pasgadh gu grinn, sia bannan-làimhe nam measg, às an ùir aig làrach togail ann an Ros Maircnidh san Eilean Dubh.

Aig a' cheart àm, fhuair iad fianais de ghrunn thaighean bho Linn an Umha.

Thuirt arc-eòlaichean gun do sheall sgrùdaidhean gur dòcha nach robh na daoine leis an robh an tasgadh ach airson a chur am falach airson greis bheag.

Thuirt Rachel Buckley bhon chompanaidh Guard Archaeology a fhuaireadh e: "Chan e a' cheist carson a chaidh a thìodhlacadh ach carson nach do thill a' choimhearsnachd a bh' ann an Ros Maircnidh an Linn an Umha airson na rudan prìseil aca fhaighinn air ais."

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 4, Bann-làimhe bho Linn an Umha , Thathar ag ràdh gur e an òrnaid seo cho "slan agus toinnte" na lorgadh a-riamh de a sheòrsa an Alba.

Chaidh an tasgadh a lorg nuair a bhathar a' dèanamh obair arc-eòlach ann an 2020-21 mus deach dachaighean ùra a thogail ann an Greenside ann an Ros Maircnidh.

Chaidh a thoirt air falbh gu cùramach agus thathar dìreach an dèidh buil an sgrùdaidh a rinneadh fhoillseachadh.

Fhuair iad gun robh nithean umha san tasgadh a bh' air an cur air muin a chèile le faiceall, agus bha iad air an deagh ghlèidheadh.

Bha òrnaid chruinn air an robh 37 fàinneachan nas lugha air mullach a' chùirn.

Thuirt na h-arc-eòlaichean gur e an rud de sheòrsa as "slàine agus as sgeadaichte" a fhuaireadh a-riamh an Alba.

Coimhearsnachd sna taighean-cruinn fad lìnntean

Thuirt Guard Archaeology gun robh a h-uile càil air a dhìon le còmhdach a rinneadh à raineach agus taobh a-staigh rùsg-craoibhe.

Thuirt Ms Buckley: "Chan e a-mhàin an obair-mheatailte a tha inntinneach mu thasgadh Rois Mhaircnidh ach cuideachd an stuth organach a bha timcheall air."

Chaidh fhaighinn air làrach baile far am faodadh gun robh ginealaichean de dhaoine a' tighinn beò thairis air 600 bliadhna an Linn an Umha.

Thuirt Iraia Arabaolaza, bho Guard Archaeology: "Tha sgrùdadh deiteadh rèidio-charboin a' sealltainn gur dòcha nach robh daoine a' fuireach sna taighean-cruinn uile aig an aon àm ach gur e coimhearsnachd, teaghlach, a thog sreath de thaighean-cruinn an diofar àitichean thar nan linntean."

Arc-eòlaiche ag obair air stuth a lorgadh fon talamh ann an Ros MaircnidhTùs an deilbh, GUARD ARCHEOLOGY

Chaidh sgudal bhon obair-mheatailte cuideachd a lorg aig fear de na taighean-cruinn.

Bha pìosan de mholldair a bh' air a chleachdadh airson claidheamh a dhèanamh, ceann-slèighe, corran agus bannan-làimhe.

Fhuair iad cuideachd fianais gun robh daoine a' fuireach air an làraich ann an Linn Mheadhanach na Cloiche agus Linn Ùr na Cloiche mus do thòisich Linn an Umha.

Am measg na fianais sin tha pìos de chnàimh mhathain agus spealg de cheann tuaighe.

'S e a' chompanaidh-togail Pat Munro Homes a thug seachad am maoineachadh airson na h-obrach.