Ceannard ùr air Cairngorm Mountain Eta

- Air fhoillseachadh
Chaidh àrd-stiùiriche ùr ainmeachadh os cionn na companaidh a bhios a' ruith rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm.
Bidh uallach air Mike Gifford airson ghnothaichean làitheil na rèile-beinne.
Tha Mgr Gifford air obrachadh fad iomadh bliadhna mar oide sgithidh, spòrs pleadhain, sreap agus rothaireachd beinne.
Bha e cuideachd an ceann iomairtean ionnsachadh air a' bhlàr a-muigh, a' toirt a-steach sgoilearan le feumalachdan taice a bharrachd, aig Comhairle Baile Obar Dheathain.
Tòisichidh e san dreuchd air an 16mh là den Ògmhios.

Chaidh an rèile-beinne fhosgladh às ùr sa Ghearran 's e air a bhith dùinte bho 2018 nuair a chaidh mothachadh do laigsean ann am bun-stèidh na rèile.
Chaidh na millean Notaichean a chosg air obair-càraidh, agus chaidh a fosgladh ann an 2023, ach thàinig air HIE, leis a bheil an rèile-beinne, a dùnadh anns an Lùnastal an aon bhliadhna is iad air faighinn a-mach gun robh tuilleadh obrach a dhìth.
Tha mòran air a bhith a' gearain san ùine sin mun chall a thàinig air eaconomaidh Shrath Spè ri linn an rèile a bhith dùinte.