Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm a' fosgladh

Rèile-beinne a' Chàirn GhuirmTùs an deilbh, HIE
  • Air fhoillseachadh

Fosglaidh Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm Diardaoin an dèidh de dh'obair mhòr a bhith air a dèanamh air an t-structar air a bheil an loidhne a' laighe.

Tha grunn thrioblaidean air a bhith aig an rèile-beinne bho chaidh mothachadh de laigsean anns an t-Sultain 2018, le na milleanan notaichean gan cosg air obair càraidh.

Chaidh a fosgladh ann an 2023, ach thàinig air HIE, leis a bheil an rèile-beinne, a dùnadh anns an Lùnastal an aon bhliadhna is iad air faighinn a-mach gun robh tuilleadh obrach a dhìth.

Chaidh làn chosgais a' phròiseict a thomhas aig £25m roimhe, ach tha dùil gu bheil an t-suim air èirigh a-nis.

Bidh an rèile - an tè as àirde anns an Rìoghachd Aonaichte - fosgailte a-nis airson a' chòrr de sheusan spòrs an t-sneachda.

Tillidh a' chompanaidh Balfour Beatty, a tha an dèidh a bhith ag obair air an rèile-beinne, airson beagan obrach a bharrachd a dhèanamh as t-earrach.

Chaidh a ràdh nach eil an obair sin riatanach a thaobh sàbhailteachd.