Sgoil Bhàgh a' Chaisteil na "cùis èiginn"

- Air fhoillseachadh
Dh' innis ball nan Eilean Siar aig Holyrood gu bheil an staid anns a bheil togalach Sgoil Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh a-nis na "cùis èiginn."
Tha Alasdair Allan BPA am measg grunn daoine a tha air draghan às ùr a nochdadh mun sgoil, le beachd am measg na coimhearsnachd gum feum ceud cabhag a dhèanamh gus tè ùr a thogail na h-àite.
Mar a th' aig an t-seann fhacal, 's e 'an t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach'.
Gu tric tha sin fìor. Chan eil nuair a thig e chun an togalaich sgoile ann am prìomh bhaile Bharraigh.
Fo-thiotal an deilbh, Bileag plastaig a' dìon siostam dealan na sgoile ann am Bàgh a' Chaisteil.
1 de 7
Tha e air a bhith air aithris tric gu leòr thairis air na bliadhnaichean a dh'fhalbh mu staid na sgoile. Peilichean a tha a dhìth gus uisge a ghlacadh agus mullach an togalaich ag aoidion ann an iomadach àite. Clòimh-liath agus dampachd na thrioblaid ann am mòran sheòmraichean teagaisg, a' fàgail cuid de chloinn a' faireachdainn mar gu bheilear feumach air seacaidean a chumail orra tron là's iad nan suidhe aig deasgaichean.
A-nis, agus sinn a' teannadh air dà fhichead bliadhna bho chaidh an sgoil fhosgladh gu h-oifigeil le Prionnsa agus Bana-phrionnsa na Cuimrigh aig an àm, tha cùisean cho dubhach agus dubhlannach na broinn, gu bheil cuid a' measadh Sgoil Bhàgh a' Chaisteil mar "cunnartach" agus "na cùis èiginn".
Nam measg, tha còmhairliche na sgìre, An Comh. Coinneach MacIlleathain – a bha aig aon àm na sgoileir san dearbh thogalach.
"Bho chionn seachd no ochd bliadhna deug, bha peilichean ann gus an t-uisge a ghlacadh an uair sin cuideachd. Cuir ris an sin, fichead bliadhna de dhroch shìde, tha an t-àite mar thobhta."
"Tha clòimh-liath a' fàs, chaidh lorg fhaighinn air balgain-buachair, tha pìosan de mhullach nan seòmraichean air tuiteam ri linn uisge a bhith faighinn a-staigh. Tha plugaichean-dealain air an còmhdachadh le poly-pockets oir bha uisge a' faighinn a-steach annda."
"Tha i na cunnart do bheatha agus bodhaig."
Draghan mu "Chunnartan" ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil
Tha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Alasdair Allan BPA, e fhèin ag aontachadh nach gabh cùisean fàgail mar a tha iad an-dràsta.
"S e suidheachadh èiginneach a th' ann a-nise agus tha feum ann air sgoil ùr."
"Tha an t-uisge a' tighinn a steach dhan togalach agus chan eil sin sàbhailte. Chan eil e mar bu chòir, agus chan eil e furasta a bhith a' teagasg no ag ionnsachadh ann an togalach mar sin."
Mar a shaoileadh, tha uallach air gu leòr mu de dh'fhaodadh tachart mus tèid sgoil ùr a thogail. Tha Marion NicNìll, a tha na cathraiche air Còmhairle nam Pàrant nam measg.
"Nuair a tha tòrr uisge ann, agus gu bheil e a' toirt buaidh air uidheamachd dealain, chan fheum a bhith ann ach aona thachartas gus beatha chuideigin a sgrios. Nach eil sin cunnartach gu leòr? Nach eil glagan èiginn ann ri linn sin?"
Mì-chàilear
Chaidh cuireadh a thoirt dhuinn le luchd-obrach na sgoile, a dhol a-steach agus sùil a thoirt air gus beachd ceart fhaighinn air an t-suidheachadh.
Chìthear air feadh na sgoile far a bheil uisge air faighinn a-steach agus air buaidh fhàgail. Sgallan air an làr agus air na ballachan, agus an t-uamhas tholl ann am mullach nan seòmraichean teagaisg. Mar a dh'innis an Comhairliche Mhic'Illeathainn dhuinn, chunnaic sinn "poly-pocket" a' dìon plugaichean dealain bho aoidion.
'S dòcha am pìos as miosa dheth, 's e preasa an t-seòmair Fhrangais. Chaidh innse dhuinne mu dheidhinn am measg na coimhearsnachd mus d' fhuair sinn an cothrom a dhol a-steach, agus an naidheachd mu phìos eile dhen sgoil nach gabh cleachdadh, gu follaiseach air sgaoileadh.
Tha am preasa sin a-nis gun fheum agus clòimh-dubh air a bhith na thrioblaid ann greis. Ged a chaidh oidhirp a dhèanamh gus piseach a thoirt air bho chionn ghoirid, tha e fhathast ann an staid far nach gabh càil a chumail na bhroinn.
Tha grunn àiteachan san sgoil a-nis nach eil cho buileach dona ris an sin, ach nach gabh an cleachdadh fhathast, no a dh'fhaodadh a bhith gu math mì-chàilear.
Chan eil e na ionganadh do phàrantan – a leithid Marion - gu bheil a leithid de thrioblaidean a' toirt buaidh air an fheadhainn a tha am broinn na sgoile gach là.
"Tron t-side fhuar bho chionn ghoirid, bha na seomraichean cho fuar ri 15 no 16 celcius. Tha a' chlann feumach air seacaidean a chumail orra. Tha sin a' toirt buaidh air comas ionnsachaidh oir tha an cuid bhodhaigean le aire air a bhith a' cumail blàth seach a bhith leigeil leotha aire a chumail air ionnsachadh."
"Glagan èiginn" mu chunnartan an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil?
Chaidh Bàgh a' Chaisteil a mheasadh le Comhairle nan Eilean Siar ann an 2010 mar sgoil air an robh droch fheum air leasachadh. Bha dùil ri sgoil ùr an lùib phlanaichean goireas a stèidheachadh le ospadal agus dachaigh-cùraim ùr cuideachd air an aon làraich.
Chaidh sin an darna taobh nuair a dh' innis Riaghaltas na h-Alba nach robh airgead ann gus a chosg air goireasan slàinte agus cùraim.
Thuirt neach-labhairt às an leth gun robh "Riaghaltas na h-Alba dìleas fhathast ri maoineachadh a thoirt seachad airson nan eileamaidean sgoile a tha mar phàirt de phròiseact Campus Bharraigh agus Bhatarsaigh, tro phrògram seilbheachd oighreachdan ionnsachaidh."
Bidh feum air a leithid de thaic-maoineachaidh gus sgoil ùr a chur an sàs agus Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu sìmplidh, nach tèid aca air an t-suim a phàigheadh leotha fhèin – suim nach beag mar a mhìnich Àrd-oifigear Chomhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr.
"Tha cuid de dhaoine ag ràdh còrr air £30m, tha cuid eile ag ràdh còrr air £40m. Tha sin a' crochadh air staid an togalaich aig an àm, cò ris a tha am margaidh coltach ann an Alba agus ann an sgìrean dùthchail na h-Alba aig an àm.
"Tha sinn a' bruidhinn air suim timcheall air na figearan sin."
Ged a tha tuigse ann gu bheil sgoil ùr a dhìth, chan eil an t-àrd-oifigear ag aontachadh leis a' bheachd gu bheil an sgoil na cunnart dhan fheadhainn a tha ga cleachdadh.
"Gu cinnteach chan eil i cunnartach. Tha i air a measadh aig ìre C, le na laigsean air a bheilear eòlach. 'S e sgoil a tha ag obair a th' innte ge-tà agus tha i na deagh sgoil, cuimhnich air a sin. Tha sinn a' tabhann foghlaim do na daoine òga à Barraigh agus Bhatarsaigh innte."
"Tha sinn ag iarraidh sgoil ùr a chur na h-àite cho luath sa ghabhas, ach bidh i an còmhnaidh sàbhailte."

Tha còrr air 40 bliadhna ann bho dh' fhosgail togalach na sgoile ann am Bàgh a' Chaisteil an toiseach.
Dè an t-slighe air adhart ma tha? Sin a' cheist a th' air mòran ann am Barraigh agus Bhatarsaigh – ceist a th'air a bhith orra fad bhliadhnaichean, agus a rèir an riaghaltais, thathar mothachail air sin.
"Tha ministearan a' tuigsinn mar a tha daoine air an sàrachadh leis an dàil. Coinnichidh Rùnaire an Fhoghlaim agus Rùnaire na Slàinte le Comhairle nan Eilean Siar agus le Alasdair Allan BPA airson còmhraidhean mu na duilgheadasan a tha an lùib a' phròiseict."
Le sin, dh'fhaodadh gu bheil boillsgeadh dòchais ann do Bharraigh agus Bhatarsaigh. Sin mar a tha am BPA Alasdair Allan ga fhaicinn.
"Tha mi misneachail gum bi rudeigin a' tachairt a nise. Feumaidh rudeigin tachairt a-nise."
"Tha a' Chomhairle ag iarraidh sgoil ùr a thogail. Ceist a th' ann mu dheidhinn an fhearainn agus an airgid, agus feuchaidh mi freagairtean fhaighinn dhan na ceistean sin."

Thuirt An Comh. Coinneach MacIlleathain gun robh an sgoil "cunnartach" leis na bha ann de thrioblaidean ach thuirt Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, nach robh cunnart ann do chloinn is luchd-obrach.
Ged a tha fàilte ga cur air còmhraidhean mun t-suidheachadh, tha an Comhairliche Coinneach MacIlleathain den bheachd gu bheil barrachd na sin a dhìth.
"Trobhad a-mach an seo"
"Pàighidh mise airson nan tiocaidean, le m' airgead fhèin. Trobhad agus bheir sùil air an sgoil, anns na preasaichean. Bruidhinn ri na sgoilearan, ris an luchd-obrach."
"Tha mi den bheachd gum feum iad tighinn an seo agus fhaicinn. Chan e mhàin Jenny Gilruth, ach Iain Swinney agus Ceit Fhoirbheis cuideachd."
Chan eil fuasgladh furasta air an sgeulachd seo, agus gu follaiseach, chan eil fuasgladh sgiobalta ann a bharrachd do choimhearsnachd a tha air a bhith a' feitheamh fad bhliadhnaichean mar-thà. Coimhearsnachd a chaidh fhàilligeadh am beachd Marion.
"Cha do dh'iarr ar coimhearsnachd a bhith air a cur dhan t-suidheachadh seo. Cha bu chòir dhuinne a bhith a' fulaing càil a chòrr. Chaidh sgoil ùr a ghealltainn dhuinn. Tha ar cuid chloinne, an t-eilean air fad airidh air sgoil ùr fhaighinn."