Comhairlean eileanach a' coimhead air moladh cìs turasachd a thoirt a-steach
- Air fhoillseachadh
Tha trì comhairlean eileanach airson eòlaiche fhastadh a nì rannsachadh dhaibh air an gabh cìs a chur air luchd-tadhail a thig chun nan sgìrean aca.
Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn air sanas-obrach a sgaoileadh còmhla air làraich-lìn Cùmhnantan Poblach na h-Alba mar dhòigh cosgais an eòlaiche a roinn eatorra.
Tha tuarastal £60,000 an cois a' chùmhnaint agus bhiodh an neach a shoirbhicheas ag obair co-ionnan eadar gach ùghdarras ionadail.
Tha seo a' tighinn an dèidh do Chomataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar co-dhùnadh san t-Sultain gun dèanadh iad plana nas mionaidiche airson cìs air luchd-turais.
Tha dùil gun tòisich an obair seo san Fhaoilleach.
Thèid beachdan choimhearsnachdan, ghnothachasan turasachd agus daoine is buidhnean eile a shireadh feuch dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig leithid de chìs, agus am biodh na buannachdan a thigeadh na cois a' tighinn a rèir na chosgadh i.
Tha molaidhean mar seo gan cur air adhart an Earra-Ghàidheal is Bòd agus ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd far a bheil co-chomhairle phoblach air tòiseachadh, taobh a-muigh.
Thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton, Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar: "Tha e cudromach gur e rud math a th' ann an turasachd don dà chuid muinntir an àite agus luchd-tadhail.
"Airson seo, feumaidh sinn am maoineachadh a tha a dhìth airson dèanamh cinnteach gu bheil am bun-structar agus goireasan ann do na thig air saor-làithean.
"Bhiodh coimhead air cìs air luchd-turais na chuideachadh ann a bhith a' coileanadh an amais seo.
"Tha mi a' cur fàilte air an obair a tha sinn a' dèanamh còmhla ri Arcaibh agus Sealtainn air a' chuspair seo agus tha mi a' dèanamh fiughair ri buil an sgrùdaidh iomchaidheachd faicinn."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An t-Sultain 2018
- Air fhoillseachadh13 An t-Sultain 2018