Co-chomhairle gus tòiseachadh air cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd

Eilean Donan
  • Air fhoillseachadh

Nì Comhairle na Gàidhealtachd co-chomhairle ùr air planaichean gus cìs turasachd a stèidheachadh san sgìre.

Fo na molaidhean, rachadh cìs 5% a chur air feadhainn a thig chun na sgìre air làithean-saora neo airson adhbharan gnothachais.

Tha oifigich ag ràdh gun togadh leithid de chìs co-dhiù £10m sa bhliadhna is gun gabhadh an t-airgead seo a chosg air bun-structar a leasachadh.

Tha cuid air rabhadh a thoirt gum faodadh cìs turasachd cron a dhèanamh air a' ghnìomhachas is nach bi feadhainn airson tadhal air an sgìre.

Ach dh'aontaich comhairlichean aig coinneimh Diardaoin a dhol air adhart leis a' cho-chomhairle.

Fosglaidh e an seo, taobh a-muigh madainn Dihaoine is bidh cothrom ann beachd a thoirt seachad gu Didòmhnaich an 9mh den Ghearran 2025.