Teine eile air Mòinteach an Damhath

- Air fhoillseachadh
Tha smàladairean air a bhith a' strì ri teine air Mòinteach an Damhath, a tha tuath air Baile nan Granndach.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach aig 5:30f Diciadain agus fhuairear smachd air an teine mu 10:30f.
Bha an A940 faisg air an Damhath dùinte airson greis ri linn an teine, ach tha e fosgailte a-nis.
Tha sreath de theintean monaidh air a bhith anns an sgìre seo agus ann am pàrtean eile den Ghàidhealtachd bho chionn ghoirid.
Cuideachd, tha rabhadh mu theintean monaidh gu bhith an sàs bho Dhihaoine gu Diluain is dùil ri teas thairis air an deireadh-sheachdain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh29 An t-Ògmhios