Dàil air sgeama bìobhairean a thilleadh a Ghleann Afraig

Bhathar a' moladh bìobhairean a leigeil mu sgaoil an Gleann Afraig as t-earrach seo
- Air fhoillseachadh
Chaidh dàil a chur air planaichean airson bìobhairean a chur mu sgaoil ann an Gleann Afraig agus dragh ann mun bhuaidh a bheireadh iad air an àrainneachd.
Thuirt a' bhuidheann phoblach NatureScot gun robh fhathast "draghan mòra mun mholadh" am measg thuathanach, chroitearan agus iasgairean.
Cho-dhùin iad gun cead a thoirt seachad an-dràsta gus am bi tuilleadh chòmhraidhean ann le muinntir na sgìre thairis air an t-samhradh.
Tha Coilltearachd agus Fearann Alba (FLS) agus a' bhuidheann leis am bi iad ag obair Trees for Life air a bhith ag obair air an sgeama agus bha iad an dòchas na bìobhairean a chur mu sgaoil as t-earrach seo.
- Air fhoillseachadh16 An Dùbhlachd 2024
Tha coilltean a' còmhdach bhruthaichean a' ghlinne deas air Inbhir Nis sa bheil abhainn, uillt agus lochan.
Tha pìosan dheth a' dol air ais gu linn na Coille Cailleannaich.
Chaidh bìobhairean a thilleadh fo sgeamaichean laghail ann an Cnapadal ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air a' Ghàidhealtachd.
Rinn FLS agus Trees for Life conaltradh poblach a mhair dà bhliadhna le coimhearsnachdan ionadail agus manaidsearan fearainn.
Chaidh bìobhairean à bith an Alba bho chionn mu 400 bliadhna ach chaidh an toirt air ais ann an 2009.
Tha luchd-glèidhteachais a' cumail a-mach gu bheil obair nam bìobhairean a' toirt piseach air glainnead uisge agus a' lùghdachadh na tha de thuiltean ann.
Tha tuathanaich agus croitearan sa Mhonadh Ruadh air am poileasaidh a chàineadh.
Thuirt iad nach deach bruidhinn riutha gu dòigheil mus deach na bìobhairean a leigeil mu sgaoil sa phàirc nàiseanta.