Buannachd £3.6m à Mòd an Òbain

CòisireanTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

Thàinig buannachd £3.6m bho Mhòd an Òbain san Dàmhair, am figear as àirde ann an còig bliadhna.

Fhuair aithisg air buaidh eaconamach a' Mhòid cuideachd gun robh mu 9,000 duine an làthair airson an tachartais is seo cuideachd an àireamh as àirde ann an còig bliadhna.

'S iad a' bhuidheann Tourism Resources Company a rinn an rannsachadh às leth a' Chomuinn Ghàidhealaich, is iad ag ràdh gun deach na buannachdan eaconamach seachad air na targaidean a bh' ann.

Tha iad ag ràdh gun tug Mòd 2024 buaidh mhath air a' Ghàidhlig fhèin is daoine a bha an làthair ag ràdh gun do chuir e ris an tuigse aca mun chànan is cho cudromach 's a tha e.

Sheall an rannsachadh cuideachd gun do bhrosnaich am Mòd cuid gus a' Ghàidhlig a chleachdadh nas trice is na sgilean aca sa chànan a leasachadh.

An fheadhainn a bhuannaich na Buinn òrTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

'S iad Alice Nic a' Mhaoilein às an Rubha ann an Leòdhas agus Ryan Johnston à Ìle a bhuannaich Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich

A thuilleadh air a' bhuaidh eaconamach dhan Òban, bha faireachdainn gu math làidir am measg dhaoine a chaidh dhan bhaile airson a' Mhòid - 96% dhiubh - gur e àite gu math freagarrach a bh' ann air a shon.

Bha cha mhòr a h-uile duine aca a' cleachdadh thaighean-bìdhe, phubaichean, bhùthan is goireasan ionadail eile.

Chaidh moladh a dhèanamh cuideachd air mar a chaidh am Mòd a chur air dòigh is a ruith is daoine ag ràdh gun robh spiorad làidir coimhearsnachd ann.

Bhathas a' faireachdainn gun robh am Mòd math do shlàinte-inntinn dhaoine is tòrr ag ràdh cuideachd gur e dòigh mhath a bh' ann caraidean a choinneachadh.

"Tha an aithisg seo na dearbhadh gu bheil an dà chuid Am Mòd agus a' Ghàidhlig nam maoin eaconamach is cultarail deatamach do dh'Alba," thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach.

"B' e tachartas air leth soirbheachail a bh' ann am Mòd an Òbain agus chunnaic sinn na buannachdan farsaing a thug e don bhaile, do ghnìomhachasan ionadail agus do luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic le chèile, gar fàgail cho pròiseil."

An fheadhainn a bhuannaich farpais an t-seann nòis.Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

'S iad Ruairidh Moireasdan à Inbhir Nis agus Claire Frances NicNìll à Barraigh a bhuannaich Buinn Òir an t-Seann Nòis

"Tha e sgoinneil a bhith a' faicinn an Òbain air a mheas cho math san t-suirbhidh seo – chuir am baile fàilte chridheil oirnn agus tha sinn air leth taingeil don a h-uile duine a rinn an tachartas cho soirbheachail."

Thuirt Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Jim Lynch, gun do chuir am Mòd gu mòr ri bliadhna shoirbheachail dhan Òban is Rèis Clipper cuideachd air tadhal.

"Chuir am baile fàilte chridheil air daoine o air feadh an t-saoghail. Tron Mhòd agus Rèis Clipper dhearbh sinn gun urrainn dhuinn sàr-thachartasan mòra a chumail. Bha e cho math dha na gnìomhachasan againn agus dha cliù a' bhaile," thuirt e.

Thàinig moladh cuideachd bhon Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis.

"Tha cho soirbheachail sa bha Mòd na bliadhna a' sealltainn mar a tha brosnachadh na Gàidhlig is na h-eaconamaidh a' dol an lùib a chèile.

"Tha mìltean de luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh na cruinne is tha seo a' fàgail gur i rud sònraichte cumhachdach gus daoine a thàladh a dh'Alba," thuirt i.