Seirbheisean sna h-Eileanan Siar fo bhuaidh Stoirm Amy Dihaoine

Mapa aimsire de na rabhaidhean stoirme
Fo-thiotal an deilbh,

Tha rabhadh òmar an sàs aig Oifis na Sìde an cois Stoirm Amy Dihaoine

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air innse gum bi seirbheisean na Comhairle a' dùnadh tràth no dùinte buileach Dihaoine agus Stoirm Amy a' toirt buaidh.

Tha rabhadh òmar ann agus dùil gum bi gaoth mhillteach air feadh mòran den chosta an iar agus den Ghàidhealtachd, le uspagan suas ri 95msu ann an àiteachan fosgailte - 60-70msu ann an sgìrean eile.

Tha iad cuideachd air rabhadh a sgaoileadh gu bheil dùil ri tuiltean sna h-eileanan an cois na stoirme.

Tha cuideachd a h-uile seirbheis aiseig a tha CalMac a' ruith air a' chosta an iar dàrna cuid le rabhadh no air a chur dheth mar thà fad an là Dihaoine.

Tuiltean

Bidh a h-uile sgoil agus sgoil-àraich ann an Uibhist is Barraigh a' dùnadh aig àm lòin, le còmhdhail sgoile ga cur air dòigh ann an àm airson clann fhaighinn dhachaigh.

Dùinidh sgoiltean ann an Leòdhas is na Hearadh aig an àm àbhaisteach ge-tà.

Bidh cròileagain a bhiodh fosgailte gu 5:30f a' dùnadh aig an aon àm 's a dhùineas an sgoil leis a bheil iad.

Dùinidh goireasan spòrs nan Eilean Siar air fad tràth ma dh'fhosglas iad idir, le Ionad Spòrs Bhàgh a' Chaisteil gu bhith dùinte fad an là, 's an còrr a' dùnadh aig 1:00f no 3:00f.

Tha seo cuideachd a' toirt buaidh air leabharlannan agus taighean-tasgaidh.

Dùinidh ionad sgudail Ruaidheabhail aig 1:00f.

Sgaoilidh a' Chomhairle fiosrachadh mu sheirbheisean cùraim Dihaoine fhèin.

Thathas a' toirt rabhaidh cuideachd gum faodadh gum bi maill air seirbheisean bus no gun tèid an cur dheth buileach