Fàilte le faiceall air sgìrean sònraichte Gàidhlig

Soidhne Gaeltacht ann an ÈirinnTùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte gun deach cùl a chur ris an fhacal "Gàidhealtachd" airson nan sgìrean sònraichte a thathas a' moladh an Alba.

  • Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air an naidheachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba am beachd cumhachd a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail inbhe shònraichte Gàidhlig a thoirt do sgìrean mar thaic don chànan.

Tha an naidheachd air tighinn agus ullachadh ga dhèanamh airson Achd nan Cànanan Albannach a chur fa chomhair na Pàrlamaid deireadh na mìos.

Ach tha an dà ùghdarras ionadail a' feitheamh an còrr fiosrachaidh mus co-dhùin iad co-dhiù 's e leasachadh math a bhios ann.

Thèid am bile fhoillseachadh mu Là Naomh Anndrais.

Am measg na bhios na lùib, tha a bhith a' cur às do phlanaichean nàiseanta Gàidhlig mar a th' air a bhith ann.

Gheibhear mìneachadh a bharrachd an seo.

Tha ceist air ùghdarrasan ionadail, am measg eile, am bi airgead ùr an cois a' chumhachd ùir.

Thuirt labhraiche às leth Comhairle nan Eilean Siar:

"Tha Comahirle nan Eilean Siar toilichte gu bheil an Riaghaltas a' gluasad air adhart leis a' bhile ach tha e car tràth beachd foirmeil a thoirt air 's gun sinn air breithneachadh air mar chomataidh.

"Ma neartaicheas e inbhe laghail a' chànain mar a tha e a’ gealltainn, 's e deagh rud a bhios ann.

"Tha sinn a' cur fàilte air gum bi barrachd smachd aig comhairlean air na tha a' tachairt sna sgìrean aca fhèin 's gum bi sùbailteachd ann a thaobh phlanaichean.

"Chan e droch rud a bhios ann a bharrachd, cumhachd a bhith aig Bòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheilear a' caitheamh airgid gu h-èifeachdach anns na sgìrean sònraichte. Cha robh sin aig a' Bhòrd roimhe seo.

Fo-thiotal an deilbh,

Cha bhiodh còir laghail aig pàrantan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na sgìrean sònraichte

"'S math nach eilear a' cleachdadh an fhacail "Gàidhealtachd" airson nan sgìrean sònraichte a-nis oir bha seo na chnap-starra do mhòran.

"Cha bhi còir laghail air foghlam Gàidhlig a rèir choltais, ach feumar deànamh cinnteach gun tèid na cumhachdan a bharrachd a thèid a thoirt do phàrantan agus an t-uallach a bhios air Comhairlean a tha airson inbhe shònraichte Ghàidhlig a thoirt do sgìre a chleachdadh gus buaidh agus piseach ceart a thoirt air cleachdadh a chànain.

"Feumar a-nis brath a ghabhail air a' chothrom a bhios againn atharrachaidhean sam bith a tha sinn ag iarraidh fhaicinn anns a' bhile a thoirt gu aire nam ball-pàrlamaid ro dheireadh na mìos."

Thuirt labhraiche aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid:

"Tha sinn dealasach mu bhith a' cur air adhart na Gàidhlig agus a' brosnachadh dhaoine gus a cleachdadh air feadh na sgìre againn.

"Tha pàirt chudromach air a bhith aig a' chànan ann an eachdraidh Earra-Ghàidh eal is Bhòid, agus tha e a chùm maith a h-uile duine againn cuideachadh leatha soirbheachadh.

"Tha sinn a' feitheamh a' chòrr fiosrachaidh bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh Bile ùr nan Cànanan Albannach."

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh iad fosgailte 's dòcha ri bhith a' coimhead ri sgìrean a chomharrachadh far a bheil an cànan ga labhairt gu làitheil.

"Tha a' Ghàidhlig nàdarra a tha ga bruidhinn ann an coimhearsnachdan traidiseanta na ghoireas gun phrìs, agus dh'fhaodadh gum beachdaichear air mar a thathas ag aithneachadh agus a' comharrachadh seo tro cheumannan sònraichte airson nan sgìrean seo," thuirt labhraiche.

"B' e gnothach do Chomhairlichean a bhith a' beachdachadh air co-dhiù rachadh Sgìrean Cudromach Cànain a chomharrachadh aig coinneamhan comataidh freagarrach."

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad a' dèanamh fiughair ri bhith a' dol an sàs sa bhile aon uair 's gu bheil e air fhoillseachadh 's a' dol tro phòiseas na Pàrlamaid.