Sgìrean Gàidhlig Sònraichte gan Stèidheachadh le Bile Ùr

Holyrood
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun tèid am Bile fa chomhair na Pàrlamaid aig deireadh na mìos.

  • Air fhoillseachadh

Bheir Bile ùr nan Cànanan Albannach cumhachd do chomhairlean ionadail sgìrean Gàidhlig sònraichte a stèidheachadh.

Is e an abairt a thathas a' cleachdadh ann an teacsa a’ bhile – a thèid a chur fa chomhair na Pàrlamaid timcheall Là Fhèill Anndrais – "Areas of Linguistic Significance".

Seo freagairt an Riaghaltais don ghealltanas ann am manifesto an SNP ann an 2021, a thuirt “we will explore the creation of a recognised Gàidhealtachd”.

Tha mi a’ tuigsinn gun gabhadh an t-inbhe seo a bhuileachadh air sgìrean a choilionas co-dhiù aon de na feumalachdan seo:

  • Còrr agus 20% de dhaoine aig a bheil a’ Ghàidhlig

  • Ceangal eachdraidheil ris a’ chànan

  • Ìre bhrìgheil de ghnìomhan Gàidhlig

  • Ìre bhrìgheil de dh’fhoghlam Gàidhlig

Mar sin, dh’fhaodar leithid de sgìre a stèidheachadh ann an Uibhist, mar eisimpleir, agus ann an Glaschu, àiteachan diofraichte far am faigheadh a’ Ghàidhlig taic shònraichte.

Ach dè an taic a gheibheadh iad?

Bòrd na Gàidhlig

Tùs an deilbh, Bòrd na Gàidhlig

Fon bhile, dheadh cur às de phlanaichean nàiseanta Gàidhlig.

Nan àite, bhiodh dleastanas ann National Gaelic Language Strategy agus National Gaelic Language Standards a stèidheachadh, mar a tha ann mar-thà anns a’ Chuimrigh.

Air an dòigh seo, bhiodh cothrom aig ministearan aon ìre de dh’inbhean a chur air dòigh airson nan sgìrean sònraichte agus ìre eile airson a’ chòrr den dùthaich.

Agus bhiodh cothrom nas treasa aig Bòrd na Gàidhlig dragh a thogail mura h-eil na h-inbhean seo gan coileanadh.

Mhaireadh planaichean Gàidhlig do bhuidhnean poblach agus ùghdarrasan ionadail a bhiodh ag amas air na h-inbhean ùra seo a ruighinn.

Mura ruig iad na h-inbhean ùra, bhiodh cumhachd ùr aig Bòrd na Gàidhlig aithisg a chur fa chomhair na Pàrlamaid, seach ministearan – a dh’fhaodadh dèiligeadh ri coileanadh nan inbhean anns an fharsaingeachd no càineadh a dhèanamh air buidhinn shònraichte a bha a’ fàiligeadh nan dleastanas.

Tha cothrom aig Bòrd na Gàidhlig an-dràsta comhairle a thoirt do mhinistearan mura h-eil planaichean Gàidhlig gan cur an gnìomh, ach an uair sin, tha e an urra ri ministearan cur romhpa dè nì iad leis an fhiosrachadh.

Bhiodh aithisg don Phàrlamaid, ge-tà, ga foillseachadh gu poblach, a’ cur an uallaich air buidhnean poblach freagairt a thoirt seachad.

Cànan Oifigeil

Cuiridh am bile ùr inbhe na Gàidhlig – agus na Beurla Gallta – mar chànan oifigeil na h-Alba ann am faclan nas treasa agus nas simplidhe.

(Cha tuirt Achd na Gàidhlig 2005 ach gun deadh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh “with a view to securing the status of the Gaelic language as an official language of Scotland commanding equal respect to the English language”).

Tha mi a’ tuigsinn gun robh dragh am measg luchd-lagha an Riaghaltais mu bhuaidh foirghill nas soilleire – an toireadh a leithid còraichean sònraichte do luchd-labhairt fon lagh mar eisimpleir – agus gun deach seo cho fada ri oifis a’ Mhorair Tagraidh.

Gu dearbh, mothaichidh an fheadhainn a lean an deasbad air a’ bhile thuige seo do bheàrn – cha toir am bile seo, anns a’ chruth anns an tèid a chur fa chomhair na Pàrlamaid aig deireadh na mìos co-dhiù – còir laghail do phàrantan air foghlam Gàidhlig airson an cuid cloinne.

An àite sin, bidh gnìomhan eile air foghlam anns a’ bhile, ga dhèanamh nas duilghe do chomhairlean, mar eisimpleir, còmhdhail a thoirt air falbh bho sgoilearan a tha a’ frithealadh sgoiltean no aonadan Gàidhlig.

Agus cha tèid Coimiseanair Gàidhlig a stèidheachadh, mar a tha aca anns a’ Chuimrigh, Poblachd na h-Èireann agus mar a bhios aca ann an Èirinn a Tuath fo Achd 2022, ged nach deach neach fhastadh fhathast.

Tha gnìomhan cuideachd anns a’ bhile airson àite na Beurla Gallta ann an Alba a neartachadh.

Deasbad

Chan eil an t-slighe thuige seo air a bhith furasta.

Tha airgead gann anns an Riaghaltas fhèin, agus chualas dragh bho chuid anns na h-ùghdarrasan ionadail mu dhleastanasan ùra gun airgead ùr.

Ach chan e an teacsa a gheibh sinn timcheall là nàiseanta na h-Alba an dreach mu dheireadh den bhile seo.

Mar as àbhaist, thèid a sgrùdadh le comataidhean na Pàrlamaid, agus a dheasbad anns an t-Seòmar, far am bi cothrom na tha sinne ag aithris air an-diugh a neartachadh – no a lagachadh.

Chì sinn tron phròiseas sin am mair aonta thar-phàrtaidh air a’ Ghàidhlig.