A' chiad shoitheach mhòr a' tadhal air cala domhain ùr Steòrnabhaigh

Tha an Ambition gu math nas motha na an Loch Seaforth
- Air fhoillseachadh
Tha a' chiad shoitheach luchd-turais den bhliadhna a' tadhal air Steòrnabhagh Diluain.
'S i an Ambition a' chiad shoitheach a chleachdas an cala domhain ùr a th' air a leasachadh airson soithichean mòra crùis a ghabhail.
Thuige seo thàinig air na soithichean mòra seo acrachadh ann an Loch Steòrnabhaigh, leis an luchd-siubhail a' tighinn gu tìr 's air ais ann an eathraichean beaga.

Tha dùil ri mu 80,000 de luchd-turais ann an soithichean mòra crùis an Steòrnabhagh am-bliadhna
Thadhail mu 50,000 neachd-turais air Steòrnabhagh ann an soithichean crùis an-uiridh.
Am-bliadhna, tha dùil ri eadar 70,000 agus 80,000.
Tha obair a' leantainn ge-tà, air cala domhain ùr airson fàilte a chur orra, agus dùil gun robh e gu bhith deiseil toiseach na bliadhna.
Chuir droch aimsir maill air an obair, leis nach gabhadh na crainn-togail mhòra cleachdadh ann an leithid sin de ghaoith.

Thèid aig luchd-turais a-niste air bus, seach eathair, a ghabhail a-steach gu baile Steòrnabhaigh is an còrr den eilein fhada.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 Am Màrt 2024
