Obair-togail air factaraidh càbaill am Bàgh an Neig a' tòiseachadh

Gàradh Bhàgh an NeigTùs an deilbh, GLOBAL ENERGY GROUP
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid an fhactaraidh a thogail ri taobh Gàradh Bhàgh an Neig

  • Air fhoillseachadh

Thèid cuirm shònraichte a chumail ann am Bàgh an Neig air Taobh Sear Rois Dimàirt a' comharrachadh gu bheil an obair-togail a' tòiseachadh air factaraidh airson chàballan àrd-bholdaids.

'S e a' chompanaidh Iapanach, Sumitomo Electric, a tha ga togail.

Tha iad a' stèidheachadh làraich air a' Ghàidhealtachd airson càballan a dhèanamh a bhios a' ceangal nan ceudan de chrainn-gaoithe aig muir a tha san amharc ann an Alba ris a' Ghriod Nàiseanta.

Thug comhairlichean Gàidhealach an taic ris a' phròiseact san Fhaoilleach.

Crainn-gaoithe aig muir Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh na càballan a' giùlain dealain bho thuathan-gaoithe mara agus ga chur ris a' Ghriod Nàiseanta

Thèid an fhactaraidh a thogail air mu 16 hectair de thalamh-àitich mu choinneamh Ghàradh Bhàgh an Neig.

Bidh còrr is 45 meatair ceàrnagach sa phrìomh thogalach.

Tha sin cha mhòr an aon mheud ris an fhactaraidh mhòr aig Gàradh Bhàgh an Neig a tha air aon den fheadhainn as motha de sheòrsa san Roinn Eòrpa.

Thèid na càballan a bhios iad a' dèanamh san fhactaraidh a chur dìreach air soithichean ceangailte ann an Neig.

Tha dùil ri 150 dreuchdan ùra san fhactaraidh agus gun tèid £200m de dh'in-ionmhas a chur ann.

Tha dùil gum bi i deiseil ann an 2026.