Dragh air croitearan Sgitheanach mu phàirc nàiseanta
![An t-Eilean Sgitheanach](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/66f6/live/64c6a000-bc23-11ee-896d-39d9bd3cadbb.jpg)
Nochd croitearan dragh mu mar a tha dol dha croitearan is tuathanaich ann an sgìrean a tha nam pàircean nàiseanta mar thà
- Air fhoillseachadh
Chruinnich faisg air 150 duine ann an Talla Chille Mhoire an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich oidhche Ardaoin a dheasbad co-dhiù bu chòir inbhe mar Phàirc Nàiseanta iarraidh dhan Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Rònaigh.
'S iad croitearan as motha a bha aig a' choinneimh a chuir Buidheann Chroitearan Chille Mhoire air bhonn.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a chur romhpa co-dhiù aon phàirc nàiseanta ùr a stèidheachadh an Alba ro 2026, agus tha an sgìre am measg na tha a' beachdachadh air.
Tha dà phàirc nàiseanta ann an Alba - Am Monadh Ruadh, agus Loch Laomainn 's na Tròisichean.
Bha dragh mòr ga thogail mu na molaidhean.
"A thaobh croitearachd, chan eil mi a' smaoineachadh gur e rud math sam bith a bhiodh ann," thuirt Seumas Caimbeul, a tha na chroitear ann am Baile nan Cnoc.
"A rèir na tha mi a' cluinntinn ann an àiteachan eile, anns a' Mhonadh Ruadh, agus shìos ann an Loch Laomainn.
"Na tuathanaich ann an sin chan eil iad air a shon idir, 's chan eil mi a' faicinn ciamar a tha e gus a bhith càil diofraichte an seo," thuirt e.
Chan eil am beachd gum biodh guth aig muinntir an àite ann an ruith na Pàirce Nàiseanta a' toirt misneachd do Mhgr Caimbeul.
"Tha an Riaghaltas a' toirt seachad an airgid, agus aig deireadh an là, 's e an Riaghaltas, an fheadhainn a tha a' toirt seachad an airgid, 's iad an uair sin a tha a' coimhead airson nan rudan a tha iadsan ag iarraidh fhaighinn a-mach às," thuirt e.
"An t-eagal a th' oirnne 's e gun tèid ath-fhiadhachadh a dhèanamh, 's gnothaichean den t-seòrsa sin," thuirt e.
Ratharsair
![Ratharsair](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/12eb/live/7258bf00-bc23-11ee-896d-39d9bd3cadbb.jpg)
Tha Ratharsair am measg nan àiteachan a bhiodh anns a' Phàirc Nàiseanta
Cha robh Mgr Caimbeul na aonar ann a bhith a' tarraing coimeas ri sgìrean a tha mar thà nam pàircean nàiseanta.
"Cha chreid mi gu bheil e a' dol a dhèanamh feum sam bith dhan eilean," thuirt Dòmhnall MacFhraing, a tha na chroitear ann an Cille Moluag.
"Chuala sinn o chionn seachdain no dhà na balaich 's na tuathanaich a-muigh ann am Baile nan Granndach, mu chuairt nan àiteachan sin, 's talamh fada a bharrachd 's fada nas fheàrr na th' againne, gu mòr an aghaidh an rud a bha a' Phàirc Nàiseanta a-muigh an sin a' feuchainn ri chur air adhart.
"Tachraidh an aon rud ann an seo ma leigeas sinn leis a dhol air adhart.
"Chunnaic sinn a-nochd, cha chreid mise gun robh duine idir airson a dhol air adhart le seo.
"Cha do chuir duine suas an làmh.
"'S tha mi cinnteach gun robh, chan eil fhios a'amsa dè na bh' ann uile gu lèir, bhiodh faisg air 150 duine ann an seo a-nochd.
"Mura h-èist iad ri sin tha rudeigineach fada ceàrr," thuirt e.
Bha croitear à Ratharsair, a bhiodh - còmhla ri Rònaigh far nach eil duine a' fuireach - na phàirt den Phàirc Nàiseanta a thathas a' moladh, cuideachd aig a' choinneimh.
"'S e an aon seòrsa rud a tha a' tighinn a-mach à Ratharsair cuideachd," thuirt Chrissie NicIllÌosa.
"Tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn, 's tha sinn gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn.
"'S cuideachd tha sinn a' coimhead air na diofar roghainnean 's a h-uile càil eile, ach chan eil mòran againn mu na cothroman a tha a' tighinn bho phàircean nàiseanta," thuirt i.
"Deagh Choinneamh"
B' e deagh eisimpleir de dheamocrasaidh ionadail a bh' anns a' choinneimh, a rèir fhir de chomhairlichean Uàrd Eilein a' Cheò.
"Tha mi a' creridsinn gum faca sinn deireadh na h-oidhche gun robh beachd làidir aig a' mhòr-chuid an aghaidh a dhol air adhart gu ìre tagradh a chur a-steach," thuirt Calum Rothach.
"Tha sin glan. Sin agad deamocrasaidh ionadail. Sin agad cothrom beachdan a thoirt seachad, agus sin a bha sinn ag iarraidh.
"Tha dà thaobh air seo. Thig airgead - airgead nach eil aig an ùghdarras ionadail.
"Ach an uair sin tha daoine amharasach cuideachd - dè thig an cois sin?
"Dè na riaghailtean? Càite an tèid a chosg?
"Agus tha ceistean mòra mu dheidhinn riaghlaidh. Cò aig am biodh an guth? Cò na daoine a bhios a' dèanamh nan co-dhùnaidhean agus mar sin.
"Tha uallach air daoine, 's tha sin ri thuigsinn.
"Tha e math a chluinnteil, agus mar a thuirt mi 's e coinneamh mhath a bh' ann mar sin," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 Am Faoilleach 2024
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach 2024
- Air fhoillseachadh16 Am Faoilleach 2024