Sganair MRI air fàire aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh

Sganair MRITùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha NHS nan Eilean Siar air cead-dealbhachaidh iarraidh airson leudachadh a thoirt air Ospadal nan Eilean gus an stèidhich iad sganair MRI ann.

Dh'fhaodadh obair-togail tòiseachadh as t-fhoghar am-bliadhna, leis an t-seirbheis a' ruith as t-samhradh 2026, ma gheibhear cead-dealbhachaidh.

Bha am bòrd air leigeil fhaicinn roimhe gun robh iad 'son an ceum seo a ghabhail.

Tha dùil a-niste ge-tà, gun cosg am pròiseact gu lèir £4.4m, seach an £2.4m ris an robh dùil an toiseach.

Thuirt Bòrd na Slàinte gu bheil a' chosgais air èirigh leis gum feumar bun-structar a leasachadh, le obair a dhìth air structar mullach an togalaich agus neartachadh a dhìth air siostam cumhachd an ospadail.

Tha cuideachd riaghailtean ùra teicnigeach agus an atmhorachd air buaidh a thoirt air a' chosgais, thuirt iad.

Stèidhichte air dàta a chruinnich Bòrd na Slàinte an-uiridh, bidh 1,039 turas ga dhèanamh sa bhliadhna le euslaintich gu goireasan air tìr-mòr airson sganaichean MRI.

Tha 17% de na h-euslaintich sin stèidhichte ann an Uibhist, agus 3% à Barraigh.

Iarrtas san àm ri teachd

'S ann air taobh siar an togalaich a dheadh an leudachadh a dhèanamh airson a' ghoireis ùir.

Tha am Bòrd cuideachd a' sireadh luchd-obrach sgileil airson an goireas a ruith, tha iad ag ràdh.

"Chan ann mu choinneimh an iarrtais a th' ann gu h-ionadail an-dràsta a tha seirbheis MRI ionadail, ach mu choinneimh iarrtais a bhios ann san àm ri teachd," thuirt labhraiche.

"Tha dùil gun èirich iarrtas gu nàiseanta air MRI 7-11% gach bliadhna thar an deich bliadhna a tha romhainn."

Tha am Bòrd ag ràdh gun leig an goireas ùr leotha cùram a thaobh leithid cridhe-eòlais, dealbhachadh broillich, eòlas na goile 's nan caolan, agus seirbheisean cluaise, sròine is amhaich, gus nach bi aca ri rannsachadh fiosaigeach a dhèanamh, 's gun gabh aon sgan a chur an àite grunn choinneamhan.