£4.4m do luchd-gnothachais Uibhist là ro 'choinneamh èiginn' mu aiseagan

- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba maoin gus taic a chumail ri gnìomhachasan ann an Uibhist a Deas a tha ag gearan mu cho dona 's a tha an t-seirbheis aiseig aca.
Thàinig dearbhadh air an taic-airgid Diluain, là mus cùm Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist 'coinneamh èiginn' ann an Dalabrog.
Tha iad ag ràdh gu bheil coimhearsnachd Uibhist a Deas a' fulang barrachd na tha còir agus còig bliadhna on bha seirbheis aiseig aca san gabh earbsa cur.
Chan eil bàta-aiseig air ruith eadar Loch Baghasdail agus Malaig am-bliadhna idir, agus chan fhaigh ach 45 daoine air siubhal air an Isle of Mull air seirbheis an Òbain an-dràsta agus an siostam sàbhailteachd aice briste.
Chuir BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan fàilte air a' mhaoin-airgid £4.4m do luchd-ghnothachais ann an Uibhist a Deas a tha ag gearan mu cho dona 's a tha an t-seirbheis aiseig aca
Tha dùil ri riochdairean poileataigeach, Rùnaire Còmhdhail Riaghaltas na h-Alba, Fiona Hyslop nam measg, aig a' choinneimh an Cnoc Soilleir feasgar Dimàirt.
'S e seo na puingean a chuir iad aig cridhe na coinneimh:
Seirbheis aiseig nas fheàrr tron Ghiblean is an Cèitean le àite ann do barrachd na 45 duine
Aiseag ùr do dh'Uibhist a Deas
Cidhe ùr do dh'Uibhist a Deas
Taic-airgid do ghnothachasan gus am bi iad deiseil "nuair a thèid seirbheisean còmhdhail earbsach ath-stèidheachadh"
Tha e coltach gun deach co-dhiù an t-iarrtas mu dheireadh a choileanadh le maoin £4.4m a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Diluain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha