A' dìon suaicheantas a' Chlò Hearaich

Calum Iain MacÌomhair, Àrd-oifigear Eadar-amail Ùghdarras a' Chlò Hearaich
- Air fhoillseachadh
Chan e rud ùr sam bith a tha ann an strì laghail 'son dìon a chur air inbhe a' Chlò Hearaich.
Thàinig air Ùghdarras a' Chlò Hearaich a dhol gu lagh na h-uimhir de thursan 'son dìon a chur air suaicheantas an 'Orb'.
Agus tha sin na dhùbhlan fhathast, a rèir Àrd-oifigear eadar-amail an ùghdarrais, Calum Iain MacÌomhair.
Thuirt e gu bheil an t-ùghdarras a' toirt prìomhachais dhan obair lagha aca.
"Mar a tha fios againn, tha tèicneòlas ùr ann agus tha an t-eadar-lìon a' fosgladh àiteachan, malairt ùr.
"Agus air sin, tha sinn a' faicinn tòrr bathair nach eil ceart agus tha sinne a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' cumail sùil gheur air sin agus a' toirt sìos nan làraichean sin far a bheil iad a' reic bathair nach eil ceart.

Tha seòmar tasgaidh aig an ùghdarras airson eachdraidh a' Chlò Hearaich a mhìneachadh do luchd-tadhail agus dhan chòimhearsnachd
"Cuideachd, tha sinn a' fosgladh mhargaidean ùra agus tha e cudromach gu bheil an comharra teisteanais, agus an comharra malairt againn ann an gach dùthaich.
"Mar sin, nuair a tha sinn a' fosgladh gach dùthaich, tha aig a h-uile càil a tha sin a bhith air a chomharrachadh.
"Agus cuideachd, dùthchannan far a bheil an dèidh 's a bhith an sàs bho thùs, tha againn ri a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil sin air a dhìon gu geur.
"Mar sin, tha tòrr obrach an sin ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' bruidhinn mu dheidhinn cho làidir 's a tha brannd a' Chlò Hearaich air feadh an t-saoghail, gu bheil againn ri dèanamh sin", thuirt Mgr MacÌomhair.

Kenny MacIllinnein agus Innes MacIlleathain aig a' bheairt anns an t-seòmar-tasgaidh ann an Steòrnabhagh
Tha an t-ùghdarras cuideachd an sàs ann am foghlam le cloinn-sgoile.
Ach a bharrachd air a bhith ag innse mu eachdraidh a' chlò, tha iad cuideachd a' toirt fiosrachaidh seachad mu na cothroman a th' ann anns na bliadhnaichean ri teachd.
A thuilleadh air sin, tha iad ag ràdh gu bheil riatanach dhaibh a bhith ag innse mu cho seasmhach 's a tha an gnìomhachas agus gu bheil e air a dhèanamh le luchd-ciùird ann an coimhearsnachdan ionadail.

Eisimpleirean de na rudan a thathar a' dèanamh leis a' Chlò Hearach
Tha an t-ùghdarras cuideachd misneachail mun àm ri teachd.
Thuirt Calum Iain MacÌomhair gu bheil teicneòlas ùr a' tighinn a-steach a tha a' toirt cuideachaidh do na muileannan agus do luchd-dealbhachaidh.
"Tha sinn a' faicinn cuideachd gu bheil deamografaigs a' ghnìomhachais air atharrachadh.
"Tha sinn a' faicinn tòrr bhoireannach a' tighinn a-steach dhan ghnìomhachas.
"Agus tha e cudromach an gnìomhachas a chumail làidir bhon a tha sin a' cumail obraichean a-muigh air an tuath.
"Tha sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn ag obair còmhla ri daoine a tha ag iarraidh an clò a chleachdadh, gu bheil fios aca air na riaghailtean mu thimcheall a' bhrannd, ciamar a bu chòir dhaibh a bhith a' cleachdadh sin.
"Mar sin, tha tòrr obrach den t-seòrsa sin a' dol fad na tìde", thuirt Mgr MacÌomhair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An Gearran
