Dearbhadh air ionnsaigh ransomware air Comhairle nan Eilean Siar

Ionnsaigh-shaidhbeirTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Tha ionnsaigh mhòr shaidhbeir air stad obann a chur air cuid de shiostaman IT Comhairle nan Eilean Siar.

Tha am BBC air dearbhadh fhaighinn gur e ionnsaigh ransomware a th’ ann.

Tha eòlaichean bho Dell agus Righaltas na h-Alba a' cuideachadh sgioba IT na Comhairle ann a bhith a' dèiligeadh ris an ionnsaigh.

Chan eil fhios le cinnt aig an ìre seo a bheil an ionnsaigh air buaidh a thoirt air fiosrachadh agus siostaman tuarastail na Comhairle.